Justin Bieber

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Bieber ann an 2012

'S e seinneadair pop-R&B Canadianach a th' ann an Justin Drew Bieber. Rugadh e 1d dhen Mhàrt 1994. Lorg Scooter Braun e ann an 2008, air sgàth 's gun robh e a' coimhead air na bhideothan aig Bieber air YouTube, agus thàinig e gu bhith a mhanaidsear. 'S e "One Time" a' chiad chlàr a bh' aig Justin Bieber agus ann an 2009 dh'fhoillsich iad air feadh an t-saoghail e. Bha an clàr taobh a-staigh an "Top 30" ann an còrr is 10 dùthchannan fad seachdainean. Lean esan an t-òran seo le My World air 17mh an t-Samhain 2009 - bha e gu math soirbheachail. 'S e My World 2.0 a' chiad chlàr ceart aige ann an 2010 agus tha e air a bhith dìreach cho soirbheachail 's a bha na feadhainn mu dheireadh. Ron seo, dh'fhoillsich e clàr eile leis an t-ainm "Baby" anns an Fhaoilteach.