Iom-tharraing

O Uicipeid
Iom-tharraing
fundamental interaction, physical phenomenon
Has causespacetime curvature, matter Deasaich
Toirt buaidhfall, gravitational motion Deasaich
Cuspair eòlaisNewton's law of universal gravitation, general relativity Deasaich
Discoverer or inventorIsaac Newton Deasaich
Feartgravitational force, spacetime curvature Deasaich
Opposite ofnon-gravitational force Deasaich
WordLift URLhttp://data.thenextweb.com/tnw/entity/gravity Deasaich
Iom-tharraing (Newton)

'S e iom-tharraing aon de na ceithir forsaichean bunaiteach (còmhla ri dealan-iùil-tharraing agus na forsaichean niùclasach làidir agus niùclasach lag) leis am bi buill fiosaigeach a' tàladh a chèile. Bithidh sinn a' mothachainn seo mar chuideam - an tàladh eadar buill agus a' phlanaid - agus mar a thèid buill a thuiteam sìos nuair a thèid an leigeil às.

Tha iom-tharraing nas laige na na forsaichean bunaiteach eile, ach bithidh e ag obrachadh air astaran fada, fiù' s neo-chrìochnach.

Mar sin, aig an ìre quantumach, bu shuarach buaidh iom-tharraing, ach aig an ìre reul-eòlais, 's e iom-tharraing am forsa as cudthromaiche.

A rèir teòirig choitcheann na dàimheachd, 's e caime fànas-tìm a chruthaicheas iom-tharraing.