Hyères

O Uicipeid
Hyères
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Provence-Alpes-Côte d'Azur
Sgìre Var
Co-chomharran 43° 07' 12 Tuath
06° 07' 54 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 132.28 km²
Àireamh-shluaigh 55,135 (2008)
Dlùths 416.81/km²
Àireamh fòn 04 83
Duilleag oifigeil http://www.ville-hyeres.fr

‘S e port agus baile meadhanach ann an ceann a deas na Frainge a th’ ann Hyères (IPA: 'jɛʁ, Ocseadanais: Iero, IPA: 'jeɾɔ). ‘S ann às an fhacal Laideann Araea, neo boglach saillte a th’ann ainm a’ bhaile.[1] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 963 mar Eras. Tha e suidhichte eadar 0m agus 364m os cionn ìre na mara (42 ann am meadhan),[2] 65km air falbh bho Mharseille agus 702km bho Pharis prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 55,135 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[4] Tha gnothaichean turasachd agus gnìomhachas a’ phuirt agus àiteachas gu math làidir an seo.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thog na Greugaich daingeanach anns an sgìre anns an IV linn R. C. ris an canadh Olbia.[5] Chruthaich na Ròmanaich port ris an canadh Pomponiana dìreach ri taobh Olbia anns an 2na linn R.C.[6]

Chaidh Olbia a mhilleadh leis an Rìgh Gontran ann an 578. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an dà sgrìobhainn bho 963: litir eaglaiseil bhon Phàp Leon VIII agus èigheachd bho Conrad, Rìgh na Bourgogne agus Provence, a thug am baile is an sgìre do dh’ Abaid Montmajour. Thog Guillaume de Marseille Caisteal Hyères anns an 11mh linn, an dèidh do ruaig a thoirt air na Arabaich[7]. ‘S e an 8mh baile na bu motha na Provence a bh' ann Hyères aig toiseach an 14mh linn, le mu 5,000 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile, ach chaochail mòran dhuibh leis a' Phlàigh, a ràinig ann an 1347. Cha robh ach mu1,900 daoine an seo an ceann ciad bliadhna.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Chuir Robert Louis Stevenson dà bhliadhna seachad ann an Hyères, eadar 1883 agus 1885, dìreach mar Joseph Conrad agus Lev Tolstoj. A bharrachd air sin, chaochail an sgrìobhadair Saint-John Perse (18871975) ann an Presqu’Île de giens, dìreach ri taobh a’ bhaile, agus bha taighean aig Edith Warton agus Paul Bourget ann an Hyères cuideachd.[8]

Eòlas-sluaigh
(air a dhèanamh le Uicipeid)

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Toponymie des communes du Var
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Frainge
  5. Fouilles à Olbia, Jacques Coupry, Revue Gallia, duilleagan 3-33, CNRS, 1954
  6. Jacques Coupry, Le Site Antique d'Olbia, Revue Archéologique, 1947, duilleagan 12-22
  7. Henry de Gérin-Ricard, Actes concernant les vicomtes de Marseille et leurs descendants, Picard, 1926
  8. La Côte d'Azur des écrivains, C. Arthaud agus E. Paul, Edisud 1999
  9. Mineastralachd na Dùthchanan Cèin
  10. Fiosrachadh na Comhairle
  11. Mineastralachd na Dùthchanan Cèin