Grenjaðarstaður

O Uicipeid
Grenjaðarstaður

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Ceàrn Þingeyjarsveit
Sgìre Norðurland eystra
Co-chomharran 65° 49' 15 Tuath
17° 21' 3 Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 787 (2019)
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile beag ann an ceann a tuath Innis Tìle a th’ ann an Grenjaðarstaður. Tha e suidhichte faisg air Akureyri, 44m os cionn ìre na mara,[1] san sgìre-bhaile Þingeyjarsveit, san roinn Norðurland eystra (Roinn an Ear-Thuath), eadar an Loch Vestmannsvatn agus an Abhainn Laxá, 441km air falbh bho Reykjavík agus 482km bho Selfoss.[2] Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air àiteachas agus turasachd, ach tha dì-dhaoineachadh na triobaid mhòr. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.[3] 'S ann airson a chuid thaighean air an togail le sgroth 's a tha Grenjaðarstaður ainmeil an latha an-diugh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Grenjaðarstaður na fhearann ​​tuineachaidh, far an robh an neach-tuineachaidh Grenjaður Hrappsson - a nochd anns an Landnámabók - a' fuireach ann. Thuit Hrappsson ann am blàr ann an Örlygsstaðir 1238 ach chaidh a thiodhlacadh ann an Grenjaðarstaður.[4] B' ann ann an Grenjaðarstaður a dhèanadh an t-aran as fheàrr san dùthaich. Bha àireamh mhòr de thuathanasan air an làrach, a bharrachd air iasgach bhradain agus gnèithean eile. Am measg nan sagartan a bhuinneadh do Ghrenjaðarstaður tha Þorkell Guðbjartsson (m. 1483), Jón Pálsson Maríaskáld (m. 1471) agus Sigurð Jónsson (m. 1595), mac an Easbuig Jón Arason, a rinn clàran de mhaoin Hólar agus feartan eile mu dheidheinn cheann a tuath na dùthcha. Cuideachd air ainmeachadh tha Gísla Magnússon (1712 - 1779), easbaig Hólar an dèidh sin, a thog an eaglais an sin. Chaidh an eaglais a thogail ann an 1865; bha glagan eaglaise crochte bho na bliadhnaichean 1663 gu ruige 1740. Tha an lios mu 775m² a mheud. Faodar tadhal air seòmraichean an taighe as t-samhradh, bho thoiseach an Ògmhios gu deireadh an Lùnastail.[5] Ann an 1931 chaidh Grenjaðarstaður a roinn ann an còig tuathanasan agus chan eil an t-sagartachd ann a-nis. Bha daoine a' fuireach anns a' chùirt gu ruige 1949. Ann an 1958, chaidh fhosgladh mar thaigh-tasgaidh.[6]

Freumh-fhaclachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm a' ciallachadh Làrach Ghrenjaður sa chànan aca, bho staður (Làrach) agus an t-ainm Grenjaður.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Falling Rain
  2. Feed Distance Calculator
  3. Alþingi
  4. Snerpa
  5. Jens Willhardt, Christine Sadler: Island. 3. aktualisierte und überarbeitete Auflage. Michael Müller, Erlangen 2003, ISBN 3-89953-115-9, S. 423
  6. Husmus
  7. Alþingi

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: