Galileo Galilei
| Galileo Galilei | |
| Fiosrachadh | |
| Rugadh | Pisa 15 an Gearran 1564 |
| Bàs | Firenze 8 am Faoilleach 1642 |
| Roinn Obrach | Reul-eòlas |
| Linn | 16mh Linn, 17mh Linn |
| Dùthaich | An Eadailt |
| Creideamh | Caitligeach |
'S e reuladair agus neach-smaoin ainmeil a bh' ann an Galileo (Pisa, 15 an Gearran 1564 – Firenze, 8 am Faoilleach 1642) . Thog e prospaig agus gloinn-amhairc gus am b'urrainn dha coimhead ri na rionnagan agus planaidean eile. Is e a chiad duine a lorg ceithir de na geallaich aig Iupatair agus smaoineach e air toir de na laghan ann an nadar-feallsanachd.
Seach gun robh Galileo den beachd gur e a' ghrian a bha na meadhan an Slighe Chlann Uisnich an àite an t-saoghal chuir an eaglais Caitligeach e an sàs agus bha iad a maoidheadh a mharbhadh. Gheall e gun do dh'atharaich e aointean ach direach airson a bheatha a shabhaladh. Chùm an eaglais e fo smachd agus anns an taigh aige airson a choir den beatha aige.
Ged 's a tha Galileo comharraichte an latha an diugh airson a h-obair an fealsanachd-nadurra, bha e cuideachd, mar a bha an cuid bu mhor de Ollamhan Catligeach na linn, na h-Ollamh-Dhiadhaidh. Thog e, an luib a chuid rannsachaidh an saidheans-nadurra, ceist cudthromach mu deidhinn an cairdeas eadar firinn spioradail agus firinn an saoghal nadurra. B'anns a cheist seo "An e gu bheil firinnean spioradail agus nadurra neo-eisimileach: firinnean spioradail a bhuannachd do saoghal spioradail a mhain agus firinnean nadurra a bhuannachd do an duil nadurra a mhain neo An e gu bheil firinnean spioradail agus firinnean nadurra comhla na roinnean de an aon firinn?" Tha an ceist seo na h-aobhar connspaid aig cuid eadhan dhan latha an diugh- Thanaig Galileo fhein ris a cho-dhunadh gu robh firinnean spioradail agus nadurra co-cheangailte o chionn 's nach urrainn do firinn cuir an aghaidh firinn.
Iomradh [deasaich]
Ughdarras do Para 3: Reuladair a' Phaip, aiste anns an "Tablet" bl. 2005
Ceangal a-mach [deasaich]