Edward Said

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Eideard Said
SaidSis.jpg
Fiosrachadh
Rugadh Palestine-Mandate-Ensign-1927-1948.svg Ierusalem 1 An t-Samhain 1935
Bàs Flag of the United States.svg Eabhraig Nuadh 4mh An t-Sultain 2003
Obair cànanaiche
Cànan Arabais/Beurla
Linn 20mh linn
Creideamh Easbaigeachas

B' e sgoilear Palastainianach a bh’ ann an Edward Wadi Said a rugadh ann an Ierusalem air 1 an t-Samhain 1935 nuair a bha Palastain fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (Easbaigeachas) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor-òigridh ann an sgoiltean Ierusalem, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Cairo far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns an Èipheit, chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns na Stàitean Aonaichte aig Oilthigh Phrinceton agus Oilthigh Harvard; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an New York. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit Iosrael is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na Roinn-Eòrpa air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an Ear-Mheadhanaich is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais, bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le aillse airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs air 25 an t-Sultain 2003.

Aistean co-cheangailte[deasaich | edit source]