Palastain
O Uicipeid
| Palastain | |
|---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
| Laoidh Nàiseanta | |
| Biladi | |
| Cànan(an) oifigeil | Arabais |
| Prìomh-bhaile | Gàsa agus Ramallah (uaireannan Ierusalem an Iar) |
| Ceann-suidhe | Mahmud Abbas |
| Prìomh-mhinistear | Salam Fayyad |
| Stèidheachadh | |
| Cuirte an cèill bhon PLO |
1988 |
| Latha Nàiseanta | 15mh, an t-Samhain |
| Farsaingeachd | |
| Iomlan | ~ 6300 km²/2700 km² |
| Àireamh-shluaigh (2007) | |
| Iomlan | 4.018.332 Bruach-an-Iar 2.535.927 Raon Ghàsa 1.482.405 |
| Ruith-airgid | Sheqel ùr Iosralach, (Dinar Iòrdanach ann am Bruach-an-Iar cuideachd) |
| Eadar-lìon TLD | .ps |
| Còd Àireamh fòn | +970 |
'S e earrann de thìr ann an Àisia a tha ann am Palastain[1] neo Paileastain [2] (Beurla: Palestinian Territories). Tha i suidhichte eadar a' Mhuir mheadhan-thìreach agus Iòrdan.
Cleachdar an t-ainm airson na roinnean a tha fo smachd an Ùghdarrais Palastainich. Tha sin a’ gabhail a-steach Raon Ghàsa agus 40 % den Bruach-an-Iar. Uaireannan canar gur e Ierusalem-an-Ear pàirt den Phalastain cuideachd, ach tha am baile gu lèir fo smachd Iosrael fhathast.
Chan eil Palastain aithnichte mar stàit leatha fhèin. Ach tha i aithnichte le 108 dùthaich eadar-nàiseanta eile, an cuid as motha às an t-saoghail arabach.
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- The Question of Palestine & the United Nations, foillsichte aig na Dùthchannan Aonaichte, 2003.