Dolores Ibárruri
| Isidora Dolores Ibárruri Gómez | |
|
Ceannard nan Comannach, Ball-pàrlamaid airson Asturias
|
|
| Roimhe | José Días Ramos |
|---|---|
| Leantail | Santiago Carrillo |
|
|
|
| Breith | 9 an Dùbhlachd 1895 Gallarta, Dùthaich nam Basgach |
| Bàs | 12 an t-Samhain 1989 Madrid, An Spàinn |
| Pàrtaidh poileataigeach |
Partido Comunista Español |
| Pòsadh | Julián Ruiz Gabiña |
B’ e Isidora Dolores Ibárruri Gómez neo La Pasionaria, (Gallarta, 9 an Dùbhlachd 1895[1] – Madrid, 12 an t-Samhain 1989),[2] ceannard Poblachdach, tè-phoileataigs agus Comunnach à Dùthaich nam Basgach rè Cogadh Sìobhalta na Spàinne. ‘S mathaid gu bheil i cho cliùiteach gus ar làithean airson na rinn i airson Dàrna Poblachd na Spàinne a dhìon agus an t-sluagh-ghairm ainmeil aice ¡No Pasarán! ("Cha tèid iad seachad") ri linn Cath Mhadrid.[3] Ged an robh i na Chaitligeach rìoghaire (Spàinntis: Carlista) nuair a bha i òg,[4] dh’fhàs i a bhith na neach-dèanadais cathail is i airson ar-a-mach comannach, is fiù 's fhuair i ballrachd Pàrtaidh Comannach na Spàinne (Spàinntis: Partido Comunista Español) nuair a chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 1921. Fad na 30an sgrìobhadh i ann am Mundo Obrero[5] (Gàidhlig: Saoghal nan Luchd-obrach), pàipeir-naidheachd a’ phàrtaidh fhèin. Chaidh i a thaghadh mar bhall-pàrlamaid airson Asturias anns An Gearran 1936 ri linn an dàrna Poblachd.[6] B’ fheudar dhi an dùthaich fhàgail aig deireadh a’ chogaidh.[7] Dh’ainmicheadh Ibárruri Ceannard Comataidh Mòr a’ Phàirtidh, dreuchd a chumadh i bho 1942 gu ruige 1960.[8] A bharrachd air sin, bha i na ceann-suidhe onorach nan Comannach Spàinnteach fad a beatha cuideachd. Nuair a dh’fhaodadh i a thilleadh gus An Spàinn ann an 1977,[9] chaidh i a thaghadh a-rithist airson an aon sgìre. Thathar ag ràdh daonnan gur e tè dhe na h-òraidichean na b’ fheàrr na 20mh Linn a bh' innte. Thog na aonaidhean-ciùird càrn-cuimhne air a son ann an Glaschu.[10][11] Bha Spàinntis agus Basgais aice.[12]
Dealbhan [deasaich]
Ri leughadh [deasaich]
- Dolores Ibarruri (1976). El único camino. Moscú: Progreso. Reedición Editorial Castalia.ISBN 84-703-9661-7.
- Rafael Cruz (1999). Pasionaria, Dolores Ibarruri, historia y símbolo. Madrid: Biblioteca Nueva. ISBN 84-703-0741-X.
- Dolores Ibarruri (1985). Memorias. Barcelona: Planeta. ISBN 84-703-0741-X.
- Teresa Pamiés (1976). Una española llamada Dolores Ibarruri. Barcelona: Martínez Roca.
- Manuel Vázquez Montalbán (1995). Pasionaria y los siete enanitos. Barcelona: Planeta.