Deargan-fraoich
| Dearg-fraoich | |
| Dearg-fraoich a' biadhadh air cluaran. | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Animalia |
| Còmhlan | Chordata |
| Buidheann | Aves |
| Òrdugh | Passeriformes |
| Teaghlach | Fringillidae |
| Gnè | Carduelis |
| Seòrsa | C. Carduelis |
| Ainmean eile | Buidheag, Lasair-choille |
Is e eun-seinn beag , dathach a tha ann an deargan-fraoich (Carduelis carduelis). Tha ainmean eile air buidheag agus lasair-choille. Tha e a' fuireach anns an Roinn-Eòrpa, anns an taobh tuath Afraga agus an taobh an iar Àisia.
Tha deargan-fraoich cuibheasach 12-13 ciadameatair a dh'fhaid, le 21-25 cm de réis-sgéithe, agus 14-19 gramaichean a chudrom. Tha fireannaich is boireannaich coltach ri chèile, le aodann dearg, ceann geal is dubh, sgiathan buidhe is dubh, drom donn agus ìochdar geal. Ge-tà, tha an dath dearg a' dol air cùl sùla an fhireannaich ach tha e a' crìochnachadh air thoiseach sùla a' bhoireannaich.
Bidh e ag ithe sìl beag mar iad sin de chluaran is leadan, ach nuair a bhios e a' biadhadh nan eòin òga aige, bhios a' glacadh meanbhan-fhrìde mar an ceudna.
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Deargan-fraoich air làrach-lìn RSPB (Beurla)
- Deargan-fraoich air làrach-lìn Avibase (Beurla)