Dòbhran
O Uicipeid
| Dòbhran | |
| Rangachadh saidheansail | |
| Rìoghachd | Animalia |
| Còmhlan | Chordata |
| Buidheann | Mammalia |
| Òrdugh | Carnivora |
| Teaghlach | Mustelidae |
| Fo-theaghlach | Lutrinae |
| Briathran Gàidhlig eile | |
|---|---|
| Dobhar-chù Biast dhubh |
|
Tha dòbhran donn no dobhar-chù na shineach feòil-itheach beag a tha a' fuireach san t-uisge (an dà chuid burn is sàl) agus air tir. Tha iad nam ball den teaghlach mòr is farsaing Mustelidae, aig a bheil am feocullan, am broc agus an easag. Tha 13 seòrsaichean ann, ann an 7 genera, air feadh an t-Saoghail.
Canar biast dhubh ris an dòbhran donn ann an cuid a dh'àiteachan air a' Ghàidhealtachd, far a bheil e gu math cumanta.
Tha an t-ainm Beinn Dòbhrain fear den beanntan ainmeil na h-Alba.