Cumhachd
Is e a tha ann an Cumhachd ach sruth neirt air an libhrigeadh neo air an cleachdadh. Tomhaisear cumhachd leis a' mheud neirt libhrigte, no cleachdar ré aonad tím.
Anns an t-Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan is e an Joule a tha aonad an neirt agus is e an diog a tha na h-aonad tím.
Mar sin is urrainnear tomhais sruth neirt le Joulean gach diog ( J/d ), ach tha aonad cumhachd ainmichte an Watt (as deidh Seumas Watt). 1 Watt = 1 joule / diog.
Gneithean Cumhachd[deasaich]
Aithnichear gneithean cumhachd gu ìre mhòr a rèir an seòrsa-uidheam neo an caille neirt a tha gan libhrigeadh. Mar sin, aithneachar gun tig cumhachd-uisge (mar is tric an cruth dhealain, nuair a chanar dealain-uisge ris), bho bheairt tiomainichte le sruth uisge.
Anns a h-aon doigh, is e gniomh muilnean gaoithe a chruthaich cumhachd bho neart na gaoithe. Mar is tric chanar Cumhachd na Gaoithe ri dealain cruthaichte anns an doigh seo.
Bha cumhachd-stoithe, air an libhrigeadh le innealan-stoithe, riatanach ri car a' mhuiltean a' gniomhacais a-steidheach eaconomaidh giollacais na h-Eòrpa ré an 19mh linn.