Cumhachd na Gaoithe
As a'Wikipedia
Tha sgiobalachad dith air an aiste seo, a tha steidhichte air paipear sgriobhta an 2001. Tha sgiobalachadh air leth dith air cló-sgriobhadh nan co-ionnanaich
- Tha e soillear gu bheil cumhachd anns a’ ghaoithe.
- Is e ceist a fhreagaras Eòlas-nàdair co mheud cumhachd a tha innte.
- Is e obair innleadair, an meud de cumhachd a tha so-tarruinnte as a' gaoith aig ionad araid agus a' dhearbh gum bi (no mur a bi) cuise eaconomachd airson sgeama a dheanamh feum air neart na gaoithe aig an ionad sin.
Clàr-innse |
[deasaich] Mineachadh Sonraichte air Briatharachas Innleadaireachd
- Tha corp na cnap stuigh
- Theirear lionn ri stugh le comas a sruth.
- Tha tomad de corp na thomhas de ‘n fhalamhantas a lionadh e.
- Tha neart an comas obair a dheanamh.
- Deanar obair ‘nuair a bhios forsa a’ gluasad rudeigin air adhart. Tha meud an obair a reir meud an fhorsa agus a reir fád a’ ghluasaid.
Mar sin,
OBAIR = FORSA x ASTAR
Bithidh fios aig gach sgoilear a tha air gabhail nadur-fheallsanachd ‘s an Ard Sgoil gu bheil Neart aig corp a tha na gluasad. ( Mar is tric theirear Neart Cineteachd ri neart-ghluasaid, o chionn ‘s gur b’e fásan ‘o sheann a’ cur ainmean Greacais neo Laideann air Uimhirean agus feartan a chaidh air lorg an saoghal feallsanachd nadurra.)
Tha uimhir neirt a reir cuideam ( a’ riochdadh meud stugh a tha anns a’ chorp ) agus luaths a’ chuirp. Anns an co-ionnanas a leanas tha “m” na sheasamh airson meud-stuigh , “N” airson neart , “v” ( bho’n seann ghreicis “bhelos” a’ ciallachadh luath) airson luaths, Mar sin,
N = m x v x v
neo,
N = m v2
Chan eil e doirbh a fhaicinn gu bheil an dearbh seorsa neart aig lionn, mar eisimplir uisge, is e ag sruthadh tro piob. Fidrig uisge , agus an t-uisge na sruthadh tro piob aig luaths ( a’ deanamh astar ) de v meterean gach diog (m/diog). Ré diog, siubhalaidh gach mir uisge v meterean. Far a bheil thar-farsuinneachd na pioba co ionnan ri “A” tha tomad an uisge a tha a’ sruthadh tro fainne-pioba “a” gach diog a reir an co-ionnanas
Tomad = V x A
Their dluthas ( riochaichte le ρ ) ris am feart de stugh a tha co-ionnan ri cuideam de aonad tomad
Dluthas = Cuideam(kg) /Tomad (m3)
ρ = kg/ m3
Mar sin bithidh
Cuideam (kg) = ρ x m3 = ρ x V x A
a’ sruthadh tro ‘n fainne aig “a” gach diog.
O chionn ‘s gu bheil an tomad seo a’ siubhal aig luaths V
Mar a ceudna, tha neart de ‘n tomad na sruthadh seachad air “a” gach diog,
N = m V2
ach: m = ρ V A
mar sin: N = ρ A V3
Freagaraidh an Co-ionnanas seo ri muillean gaoithe, o chionn ‘s gu bheil Raon-Sguabta an Rothadair cosmhuil ri Raon “fainne” a’ phiob.
Tha an Raon-Sguabta (RS) = (Pi x T2)/4
Far a bheil T= Tarsuinnead de’n Rothadair agus Pi = 3.142 (neo 22/7, cunbhalach a tha co-ionnan ri cuairt-lin chearcail air a roinneadh le tharsuinnead ,
Tha an dealbhag os cionn a nochdadh na priomh tomhaisean de Dealanadair Gaoithe le mul co-ardach, ‘s Chithear bhon dealbhag gu bheil aird tuir co-ionnan ri Tarsuinnead an Rothadair. Cruthaidh muilleann gaoithe de tarsuinnead 66m, suas ri 1.75 MW. Tha seo an cumhachd sonraichte dha, chruth e seo nuair a bhitheas a’ ghaoithe air eirigh gu 16m/diog. Aig luaths na gaoithe seo ( mu 33mile/uair), bithidh an rothadairean a tionndadh aig 21.3 car/mionaid. Tha AMEC Wind a’moladh muillean de’n mheud seo airson a choille neirt aig an Aodann Bhàn.
Ball Sampuill: Dearbhadh de Neart na Gaoithe a sruthadh tro Muillean Gaoithe
Leig le
T = Tarsuinn Rothadair = 67m v= Luaths gaoithe = 16m/diog r= dluthas aille = 1.25 kg/m3
Raon Sguabta = pT2= 3526 m2 4
Ach, mar a dhearbhadh os cionn
Neart sruthadh tro fainne phiob (neo tro rothadair muilne gaoithe ) = r x Raon x v
= 1.25 kg/m3 x 3526 m2 x (16 m/diog) 3
= 18 000 000 kg m2 diog -3 ( = kg x m/diog/diog x m/diog= obair/diog= Cumhachd(Wattan))
= 18 MW
Tha seo torr nas motha na an cumhachd sonraichte do gach muilleann (1.75 MW) Ach,
i) Cha deanar muileann a bhuannachas nas motha na 49% den neart a tha sruthadh troimhpe. ii) Chaillear tuilleadh cumhachd anns an uidheam ginealachd.
Mar sin: Faodaidh do gach muilleann a’ leasachadh
18 x 0.49 MW aig a phriomh fearsaid = 8.8 MW
O chionns nach eil duil air gach muileann a libhrigeadh ach 1.75 MW
Tha riochd eifigeas de inneal sam bith = Cumhachd a mach Cumhachd a steach
Mar sin chan eil eifeagas an uidheam iompachaidh (beart iomain, dealanadair,uidheam iompachaidh) eadar fearsaid an rothadair agus an ceangail ris a’ bhranndair naiseanta, ach
1.75 MW/ 8.8 MW = 0.2 neo 20%
Tha seo iosail an co-mheas le acuinn dealandaireachd a ruith air stoth. Mar eisimplir, bha an ionad cumhachd aig Fiddlers Ferry an Sasainn aig iompachadh neart gual ri neart dealain le eifigeas eadar 33% agus 35 % ‘nuair a thadhal mi air ann an 1978.
[deasaich] Aonadan Thomhais
Anns an latha an diugh, tha gach duthaich Eorpach, agus an cuid bu mhor de na dùthchannan eile air feadh an t-Saoghail, a’ cleachdadh co-rian thomhais aonaichte. Tha an co-rian (siostam) seo eadar-nasiunta, agus theid e fo’n ainm Fraingis|Frangachd Système international d'unités ( SI ) , o chionns gur e na Frangaich, a shonraich a phriomh aonadan aig deireadh an 18mh linn.
Tha an Système International steidhichte air seachd bun-aonadan neo-eisimileach. Tha gach aonad neo-eisimileach air sgâths gu bheil na feart a tha iad a’ tomhais neo-eisinileach 'o cheile.
Tha na feartan seo, agus na h-aonadan orra mar a leanas
| FEART | AONAD | COMHARRA |
| Astar | Meter | m |
| Cuideam | Cilogram | kg |
| Uine | Diog | diog |
| Teasad | (Ceum)Kelvin | K |
| Sruth Dhealain | Ampére | A |
| Uimhir (Aireamh) | Mól | mól |
| Dluthad Sholais | Caindeile | Caindeile |
[deasaich] Tomhas air meud
Tomhaisear meud le astar. Faodaidh do astar a bhith tomhaiste air tri rianan (mulean) neo-eisimileach.’ Agus a reir a chruth, is urrainear tomhais a dhol air gach ni a reir aon, dha neo tri mul.
[deasaich] Rian a mhain
Sonrachar loidhne direach sam bith le fad an loidhne agus rian an loidhne.
Tomhaisear loidhne direach le fad an loidhne eadar a dha cheann .
DEALBHAG: Loidhne bho a-b. Tomhaisear an loidhne le Fad a Mhain
Chan eil leud neo domhainnead dha, mar sin chan eil ach aon rian ga thomhais. Theirear FAD ris.
Is e an meatar (m) a tha na h-aonad tomhais do Fad.
[deasaich] Da Rian
Tha dá rian sonraichte ri cumadh.
Theirear LEUD (L) ris an dána rian. Tha FARSUINNEAD feart do gach rud dá rianta.
(Tha) FARSUINNEAD = FAD x LEUD
DEALBHAG: Cumadh, Raon= F x L
Tha e soilleir nach dean sineadh neo gearradh air ais air an leud “L”, difir sam bith ri fad a’ bhuird. Mar sin tha leud neo eisimileach de fad. Tha farsuinnead co-dhiubh an riochd ri leud agus an riochd ri fad. Mar sin tha farsuinnead eisimileach ri leud agus ri meud.
Is e an meatar cearnag (m2 = m.m ) a tha na h-aonad tomhais do farsuinnead
[deasaich] Tri Rianan
Tomhaisear bocsa air tri rianan: Fad (F) , Leud (L) agus Domhainnead (D), an treas rian.
Theirear TOMAD ri meud bocsa.
DEALBHAG: Tomhais Tri Riantachd air Bocsa neo Amar.
(Tha) TOMAD = FAD x LEUD x DOMHAINNEAD.
Tha TOMAD na fheart do gach rud tri rianta. Mar a cheudna, tha fad, leud agus domhainnead gu leir neo-eisimileach, ach tha Tomad an riochd ri gach te dhiabh fa-leth, fad’s a tha na feadhainn eile gleidhichte cunbhalach. Is e an meatar dabhaich ( m3 = m.m.m) a tha na h-aonad tomhais air tomad.
[deasaich] Iomradh
- Gearr-Phaipear Sgriobhta le P. E. Ó Donnghaile an 2001, nuair a-nochd na chiad molaidhean a thogail tuathanasan-gaoithe an Gaidhealtachd na h-Alba.
- Dealbhan fhadhast ri cuir air Wikipedia. Air an luchdadh don duilleag seo leis a' sgriobhadair fhein. Thig na dealbhan nas anamoch