Craig Levein

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Craig Levein
Fiosrachadh Pearsanta
Ainm slàn Craig Uilleam Levein
Latha breith 22 Dàmhair, 1964 (aois 42)
Àite-breith Dùn Phàrlain, Alba
Àirde 1.85m(6 tr 1 òirleach)
Àite-cluich Dìonadair (Air cluanaidh)
Fiosrachadh Clubaichean
Club an-dràsta Dùn Dèagh Ate
Clubaichean òigridh
Lochore Welfare
Àrd-chlubaichean
Bliadhnaichean Club[1] - Nochdadh (Tadhalaichean)
1981-1983
1983-1997

Iomlan
Cùl Dùn Beithe - 60(0)
Heart Meadhain-Lodainn - 329(15)
389(15)
Sgioba Nàiseanta
1990-1994 Alba
Sgioban manaidsichte
1997-2000
2000-2004
2004-2006
2006
2006-
Cùl Dùn Beithe
Heart Meadhain-Lodainn
Leicester City
Raith Rovers
Dùn Dèagh Aonaichte
  1. Nochdadh do dh' àrd-chlubaichean agus tadhalaichean gan cunntadh dhan lìog dùthchail a-mhàin.


‘S e manaidsear ball-coise a th’ ann an Craig Levein aig an àm seo, a rugadh ann an Dùn Phàrlain air 22 Dàmhair, 1964; b’ e cluicheadair Albannach ball-coise proifeiseanta a bh’ ann roimhe. Tha Levein an-dràsta aig stiùir club Prìomh Lìog na h-Alba, Dùn Dèagh Aonaichte. Bha e a’ cluich do Chùl Dùn Beithe agus Heart Meadhan-Lodainn, agus choisinn e 16 capaichean a’ cluich do sgioba nàiseanta na h-Alba.

Bha Levein na oileanach aig Àrd-sgoil Inbhir Chèitinn, far an robh e anns an sgioba ball-coise còmhla ri cluicheadair eadar-nàiseanta Albannach eile ri teachd, Gordon Durie. Bha e na chluicheadair do Dhalgety Bay, Leven Royals agus Inbhir Chèitinn-fo-aois-16 aig toiseach an cùrsa-obrach bhall-coise aige. Leig e bhuaithe ball-coise bliadhna aig aois 15, ge-tà, a` tilleadh thuige nuair a dh’ iarr a bhràthair air a thighinn gu seiseanan-trèanaidh club-òigridh, Lochore Welfare, far an robh e fhèin. Chuir Levein ainm ri cùmhnant aig Lochore agus an dèidh dha deuchainnean fhaighinn aig diofar àrd-chlubaichean, ghabh e ann an sgioba Cùl Dùn Beithe mu dheireadh thall ann an 1981.