Coireaman

O Uicipeid
Coireaman
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Fìleam Angiosperms
Clas Eudicots
Òrdugh Apiales
Teaghlach Apiaceae
Gèineas Coriandrum
Spèiseas C. sativum
Ainm saidheansail
Coriandrum sativum Linnaeus
Briathran Gàidhlig eile
Lus a' choire[1]

'S e lus tha ann an coireaman [2] no lus a' choire (Laideann: Coriandrum sativum). Tha e a' fàs ann an Eòrpa a deas, ann an Afraga a tuath agus anns an iar-dheas Àisia. Tha e mu leth-mheatair a dh’ àird.

Tha a' chiad tùs mu choireaman a' sealltainn gun robh an lus air a chleachdadh ann an Iosrael mu 6000 bliadhna RC .[3] Tha an t-ainm a' nochdadh ann an Greugais mar κορίαννον (koriannon)[4] agus dh'atharraich e an uair sin gu Laideann coriandrum.[5] B' e "coriandre" a chantadh ris an anns an t-seann Fhraingis.

Thèid gach pàirt den lus a ithe, ach mar is trice cleachdar na duilleagan agus an sìol. Tha e na spìosradh ann an còcaireachd Àisianach, gu h-àraidh ann am biadh Innseanach is Sìonach. Cleachdar e ann am Meagsago (ann an salsa is guacamole), Aimearaga-Laideannach is Afraga cuideachd.

'S e slàn-lus a tha ann an coireaman air sgàth 's gu bheil e a' gabhail a-steach ana-ocsadant.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Faclair Dwelly
  2. Am Faclair Beag
  3. P. Hanelt, R. Büttner agus R. Mansfeld: Mansfeld's encyclopedia of agricultural and horticultural crops (except ornamentals), Leabhar 5, Springer, 2001, dt. 1267-1260, ISBN 978-3-5404-1017-1.
  4. κορίαννον Henry George Liddell, Robert Scott, A Greek-English Lexicon
  5. coriandrum, Charlton T. Lewis, Charles Short, A Latin Dictionary

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]