Coinneach I na h-Alba
Cináed mac Ailpín
|
|||||
| Fiosrachadh | |||||
| Tiotal | Rìgh Na Cruithnich | ||||
| Rìoghachadh | 843–858 | ||||
| Neach-ionlaid | Dòmhnall I | ||||
| Uachdaranachd | Siol Ailpein | ||||
'S e rìgh Albannach a bha ann an Coinneach I na h-Alba (no Coinneach Cruaidh MacAilpein no An Ferbasach).
Sinnsireachd [deasaich]
Phòs seanair Choinnich, Eoch (air a neo Achaius ann an Laideann), bana-phrionnsa Chruithneach den ainm Unguia – nighean Rìgh nan Cruithneach Unguis. Mar seo bha ceangal aig Alpean agus a mhac, Coinneach, ri teaghlach rìoghail nan Cruithneach.
Ged a bha càirdeas eadar Rìgh nan Sgaothaich (air a neo Gàidheal neo Scoti san Laideann) agus Rìghrean nan Cruithneach, cha robh a mhòr-shluagh Cruithneach no na h-uaislean aca deònach an leigeal a-steach mar tighearna. Nuair a chaidh na Lochlannaich is na Cruithnich a chogadh an aghaidh a-chèile, chaisg Coinneach a làmh an àite a dhol a chuideachadh nan Cruithneach – seo ged a bha fios aige gum biodh dùil aig na Lochlannaich cumhachd fhaighinn air dùthaich nan Gàidheal (ris an canar Dail Riata) an dèidh dhaibh sgrios a dhèanamh air arm agus uaislean nan Cruithneach.
Thuit Rìgh nan Cruithneach – Uen – agus a bhràthair Bran a chogadh na Lochlannach agus còmhla riutha bha mòr-bhàs ann am measg nan uaislean is tighearnan Cruithneach eile.
Sheas Coinneach a-steach do dhùthaich nam Cruithneach cho luatha sa b' urrainn dha oir bha dùil aige a ghlèidheadh mar pàirt den rìoghachd aige fhèin.
Bha neach eile ann, de’n ainm Ured, a ghlac an t-slat rìoghail. Chan eil fhios an robh Ured agus Coinneach fàisg air a-chèile mar a bha an rìgh aosd Cruithneach agus mac Alpein ach ma bha (agus chan eil cinnt sam bith gun robh càirdeas eadar an dithis) cha robh iad ro mheasail air a chèile.
Mar a thachair, thagh na h-uaislean Cruithneach a bha air fhàgail MacAilpein agus chaidh an cumhachd rìoghail a spìonadh a làmh Ured agus a thoirt do Choinneach sa bhliadhna 843.
Agus 's ann mar seo a thàinig an dà rìoghachd – Dal Riada agus Pictavia mar a chanar ann an Laideann – ri chèile agus thòisich eachdraidh ar dùthcha fhèin, Alba.