Clash of Civilizations

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Chaidh an aiste Clash of Civilizations, a sgrìobh Samuel Huntington, fhoillseachadh airson a chiad uair ann an 1993 mar freagairt ri leabhar a sgrìobh Francis Fukuyama am bliadhna roimhe: “The End of History and the Last Man”. Bha Fukuyama ag ràdh gun robh bàs an t-Aonadh Sobhiat a' toirt eachdraidh mac-an-duine gu crìoch agus nach biodh anns an àm ri teachd ach dùthchannan democratach oir gun gabhadh a h-uile pàirt den t-saoghal ris an seòrsa “democratach liberal” a bhuineadh ris an t-saoghal Siarach.

Cha do ghabh Huntington ris an seo idir agus esan ag ràdh gun ro an co-strì eadar siostaman-poilitigeach a tighinn gu crìoch (agus an aontachadh le Fukuyama mu seo) ach nach ann ag atharrachadh gu dòighean democratach a bha an t-saoghal air fad idir ach a tilleadh gu suidheachadh far am biodh Siobhaltachdan mòra a strì an aghaidh a-chèile agus dh’ainmich e na Siobhaltachdan agus na dùthchannan a bhuineadh riubha. Nam measg bha:

  • An t-Saoghal Siarach (USA, taobh Siar na Roinn Eòrpa)
  • An t-Saoghal Orthodox (Ruis,taobh Ear na Roinn Eòrpa)
  • An t-Saoghal Arab/Muslimeach
  • An t-Saoghal Sìneach (Sìona, Vietnam, Taiwan, Singapore etc)
  • An t-Saoghal Hindu (Innseachan, Nepal etc)

Leabhar[deasaich | deasaich an tùs]

Huntington, Samuel P. (1993), The Clash of Civilizations and the Remaking of World Order, The Free Press, London: Simon $ Schuster. ISBN 0-7432-3149-X.