Cairistìona NicFhearghais

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
carragh-chuimhne do Chairistìona agus Uilleam faisg air an t-Sruigh

B' e bana-bhàrd a bh' ann an Cairistìona NicFhearghais, Christina Ferguson no Christiana Ferguson sa Bheurla. B' ann eadar 1745 agus 1746 a bha i a' dèanamh bàrdachd. Bha i pòsta aig Uilleam Siseal a chaidh mharbhadh aig Blàr Chùil Lodair. Bha e a' sabaid ann an arm a' Phrionnsa agus b' e suaicheantaiche do cheann-feadhna Siosalach a bh' ann. Rinn i òran 'Cumha do dh'Uilleam Siseal' no 'Mo Rùn Geal Òg', mar a chanas iad ris. Faisg air an t-Sruigh, tha carragh-chuimhne a' comharrachadh an àite far an robh Cairistìona agus Uilleam a' fuireach.