C.B. Dhùn Dèagh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
C.B. Dùn Dèagh
Ainm slàn Club Ball-coise
Dùn Dèagh
Far-ainm The Dee
The Dark Blues
Stèidhichte 1893
Raon Pàirc Dens, Dùn Dèagh
Comas-lìonaidh 11.856
Cathraiche Flag of Scotland.svg Bob Brannan
Manaidsear Flag of Scotland.svg Jocky Scott
Lìog Ciad Roinn na h-Alba
2007-08 Ciad Roinn na h-Alba, 2mh

`S e club ball-coise proifeiseanta suidhichte ann am Baile Dhùn Dèagh, Alba a th’ ann an Club Ball-coise Dùn Dèagh. Tha am far-ainm The Dees air a’ chlub agus tha iad a` cluich san lann-cluich Pàirc Dens. `S e dubh-ghorm an dath a th`air an lèine-dhachaigh aca.

Tha Dùn Dèagh an-dràsta a’ cluich ann an Ciad Roinn na h-Alba, air dhaibh tuiteam à Prìomh Lìog na h-Alba ann an 2005. Tha iad fo stiùir Alex Rae, a tha cuideachd na chluicheadair anns an sgioba. Chaidh Rae a chur anns an dreuchd air 24 Cèitean, 2006 nuair a bha Alan Kernaghan air a chur a-mach às. Dh`fhairtlich orra an dà bhliadhna gus an àm seo fhaighinn air ais anns a` phrìomh lìog, bhon a chrìochnaich iad ann an 7mh àite an 2005-2006 agus 3mh àite an 2006-2007.

Tha e na annas do mheud na cathrach, Dùn Dèagh, gu bheil e an comas dha dà àrd-sgioba ball-coise proifeiseanta a ghiùlan: CB Dùn Dèagh agus Dùn Dèagh Aonaichte. Tha an dà sgioba nan còmhstritheach làidir ris a chèile agus tha na lannan-cluiche aca mar uidhe corra cheud slat eadar a chèile.