Bridge of Weir
O Uicipeid
'S e baile ann an Siorrachd Rinn Friù a tha ann am Bridge of Weir. Tha e suidhichte ann an Srath Ghriobhaidh. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 51′ 23.44″ Tuath agus 4° 34′ 39.6″ Iar.
Ann an 2001 bha 4,635 duine a' fuireach an seo. [1] Ach tha mòran dhiubh ag obair ann an Glaschu agus Pàislig.
Tha gnìomhachas leathair cudromach don bhaile. Tha a' chompanaidh chàraichean Lincoln às na Stàitean Aonaichte a' cleachdadh leathar à Bhridge of Weir anns na càraichean Continental line aca.
Tha dà raon goilf ann am Bridge of Weir, an OC Ranfurly golf club agus an Ranfurly Castle golf club.
[deasaich] Iomraidhean
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 387 656
- Comhairle Coimhearsnachd Bridge of Weir