Beinn Nibheis

O Uicipeid
Beinn Nibheis

Beinn Nibheis
Àirde (m) 1,344 m
Àirde (tr) 4,409 tr
Àirde rinneach (m) 1,344 m (4,409 tr)
air liosta Beinn Rothaich, Marilyn
Suidheachadh
Beinn Nibheis is located in Alba
Beinn Nibheis
Beinn Nibheis (Alba)
Suidheachadh Loch Abar, a' Ghàidhealtachd Alba
Sreath bheanntan Monadh Dhruim Uachdair
Mapa cumadh-tìre OS Landranger 41, Explorer 392
Comharradh-clèithe NN166712

Co-chomharran: 56°47′49″N 5°00′13″E / 56.79685°N --5.003508°E / 56.79685; --5.003508

Is i Beinn Nibheis a' bheinn as àirde ann an Alba, aig 1344m (4409tr), agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte ann am Monadh Dhruim Uachdair os cionn Glinn Nibheis, faisg air a' Ghearasdan ann an Loch Abar.

Chan eil ciall an ainm soilleir. Tha caochladh fhacal-fhreumhan air moladh, mar nèamh agus nimheil.

Tha a' bheinn ainmeil airson na sìde chunnartach chaochlaideach air a' mhullach aice. Air sgàth seo agus a liuthad streapadair gach bliadhna -- mòran dhiubh gun an eòlas riatanach air beanntan -- bithidh tubaistean mharbhtach a' tachairt gu tric.

Tha slighe don mhullach a' tòiseachadh aig Ionad Nibheis (an ionad-tadhail anns a' ghleann). Chaidh an slighe a thogail ann an 1883 air a' phrìs ₤800, gus pònaidhean a leigeil don reul-lann a bh' air a' mhullach aig an àm.

Tha lochan, Lochan an t-Suidhe, leth-shlighe shuas a' bheinn.

Rèis na Beinne[deasaich | deasaich an tùs]

Thatar am beachd gum b' e a' chiad duine a ruith suas a' bheinn gruagaire ionadail, William Swan, ann an 1895. Ruith e bhon t-seann oifis a' phuist anns a' Ghearasdan ann an 2u41m. Bha a' chiad rèis farpaiseach ann an 1899, le 10 co-fharpaisich a' gabhail pàirt. B' e am fear-buannachaidh, an geamair Ùisdean Ceanadach.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]