Baile na h-Uaimh
O Uicipeid
Is e baile beag iasgaich a tha ann am Baile na h-Uaimh (Pittenweem anns a' Bheurla).. Tha e na shuidhichte air cladach inbhir Linne Foirthe eadar St Monans agus Ànsruthair. Aig àm a' chunntais-sluaigh ann an 2001 bha 1,747 daoine a' fuireach ann, 0.17% dhiubh a' bruidhinn Gàidhlig.[1]
Tha e ainmeil mar an t-àite-còmhnaidh mu dheireadh aig Naomh Faolan. A rèir traidisein, bha e a' fuireach ann an uamh agus is e sin mar a fhuair am baile ainm.