Şalom

O Uicipeid

'S e am pàipear-naidheachd Turcach-Iùdhach as sine a tha ann an Şalom (litreachadh Turcach de Shalom, שָׁלוֹם san Eabhra). Chaidh a stèidheachadh 29 an Dàmhair 1947 le fear-naidheachd Turcach-Iùdhach Avram Leyon anns an Turcais agus Ladino. Tha e air fhoillseachadh gach Diciadain ann an Istanbul anns an Tuirc. 'S e Yakup Barokas am prìomh dheasaiche aige. Thathar a' clò-bhualadh mu 5,000 lethbhreac, agus tha e air-loidhne cuideachd.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]