Jump to content

Adhar

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Athar)
Adhar gorm
Adhar stoirmeil
Dol fodha na grèine

'S e na chithear os cionn na talmhainn ma choimheadamaid suas a th' ann an adhar no athar nuair a bhios sinn a-muigh air tìr neo muir.[1] 'S e Druim an t-saoghail a chanar ris an àite dhen adhar a tha dìreach os cionn neach, neo am fìor-mhullach/an inbhe as àirde, soirbheachaidh neo sonais. 'S e nadir a chanar ris an aon àite ach fon neach. Ann an Reul-eòlas, thathar dhen bheachd gur e an aon rud a th' ann an t-adhar agus a h-uile cruinne anns na speuran: 's e bun-bheachd a th' ann agus a' Ghrian, na Reul, na planaidean agus a' Ghealach an lùib. Roinnear ann an sgìrean air a bheil reul-bhad. Ann an sìde-eòlas agus gnàth-shìde, chan eil an t-adhar a' ciallachadh ach an roinn làn ghas nas dùmhaile ann an àile phlanaid.

'S ann à rèididheachd sgaoilteach, air neo eadar-obair solas na grèine leis an àile a thig dath an adhair. Ma bhios an aimsir na turadh, 's e dath liath a chithear san iarmailt, mar as àbhaist, ach nochdaidh speactram dhathan, bho orainds agus dearg aig glasadh an latha agus beul na h-oidhche.[2] 'S ann gorm gu math dorcha 's a tha e fad na h-oidhche. Chithear a' Ghrian tron latha, mur eil sgòthan ann. Chithear a' Ghealach tron oidhche (agus tron latha cuideachd, gu ìre), na rionnagan agus, bhon àm gu àm, corra planaid san adhar. Eadar na tachartasan a chithear an adhar tha na sgòthan, am Bogha-frois, agus dol sìos/suas na grèine. Chithear dealanach nuair a bhios gailleannan ann.

Genesis 1: “Agus rinn Dia an t-adhar…”

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Grimvall, Göran: Miksi taivas on sininen? Sateenkaaret, kaiku, tähdenlennot, vihreät välähdykset ja muut ilmiöt, 1993, Suomentanut Risto Varteva, Porvoo, Juva, WSOY, ISBN 951-0-19834-X.
  2. Farbimpulse