Jump to content

Zen

O Uicipeid
Enso ('cearcall'), snas-sgrìobhadh le Kanjuro Shibata a' riochdachadh Zen.

'S e sgoil Bhùdach a th' ann an Zen (Sanscrit: Dhyāna; Sìonais: 禪, Chán; Bhiet-Namais: Thiền; Coireanais: Seon) a chaidh a stèidheachadh ann an Sìona anns a' chòigeamh linn agus a chuireas an cuideam as treasa air meòrachadh mar am prìomh rathad gu soillseachadh. 'S e Zen an t-ainm Seapanais air an sgoil, a chaidh a thar-litreachadh bhon t-Sìonais. A rèir an eachdraidh thraidiseanta, chaidh an sgoil a stèidheachadh leis a' mhanach, Bodhidharma, a thàinig a Sìona às na h-Innseachan.

Anns an latha an-diugh, 's e Soto (Sìonais: 曹洞, Cáo dòng) agus Rinzai (Sìonais: 临济, Lín jì) an dà sgoil as motha ann an Zen, a tha eadar-dhealaichte a thaobh feallsanachd agus stoidhle mheòrachaidh.

Zen agus Eòrpa is Ameireaga

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha D. T. Suzuki à Iapan cudromach mar neach-labhairt airson Zen anns a' Bheurla. Sgrìobh e Introduction to Zen Buddhism 'Ro-ràdh do Bhùdachas Zen' ann an 1956 agus cho-sgrìobh e le luchd-smaoin spioradail mar Thomas Merton.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. The Question of God. Other Voices. D.T. Suzuki”. PBS. Air a thogail 14mh dhen t-Samhain 2019.