Uicipeid:Babel
Coltas
'S urrainn dhut na teamplaidean User a chleachdadh air do dhuilleag phearsanta airson do chomas ann an cànanan a thaisbeanadh.
Mar eisimpleir, ma chleachdas tu {{ User gd-5 }} bidh am bogsa spaideal seo:
gd-5
|
Tha comas proifeiseanta anns a' Ghàidhlig aig an neach seo.
|
a' nochdadh air an duilleig còmhla ri roinn-seòrsa sònraichte air do shon agus airson daoine eile.
Dè tha "gd" a' ciallachadh?
[deasaich an tùs]Seo an còd ISO-639 airson Gàidhlig na h-Alba. Tha en a' riochdachadh na Bheurla, sco na h-Albais, de na Ghearmailtis, cy na Chuimris agus mar sin air adhart.
Agus 5?
[deasaich an tùs]Ma bhios tu a' cleachdadh an teamplaid User gun figear, bidh seo a' ciallachadh gu bheil comas anns a' chànan seo on ghlùn. Tha 5 an ìre nas comasaiche, agus mura h-eil Gàidhlig sam bith agad, chleachdaidh thu