Jump to content

Twitter

O Uicipeid

Is e goireas lìonrachaidh shòisealta air-loidhne a th' ann an Twitter (/ˈtwɪtər/) far am bi luchd-cleachdaidh a' cur theachdaireachdan goirid de 140-caractar gu an "luchd-leantainn". Theirear "ceilearadh", " tweeteadh" no "tweetigeadh" ri seo mar eadar-theangachadh air a' Bheurla "tweeting".

Is urrainn do luchd-cleachdaidh clàraichte brathan, ris an abrar tweets no bìogan[1] sa Ghàidhlig, a leughadh agus a chur, agus faodaidh luchd-cleachdaidh neo-chlàraichte an leughadh. Stèidhichte ann an San Francisco, tha còrr is 25 oifisean aig Twitter Inc. air feadh an t-saoghail.

Chaidh Twitter a chruthachadh sa Mhàrt 2006 le Jack Dorsey, Evan Williams, Biz Stone agus Noah Glass, agus a chur air bhlàr ron Iuchar 2006. Bhon uair sin, ghrad-fhàs daoine air fad is leud na cruinne measail air an t-seirbheis, gus an robh 100 millean duine ga cleachdadh an 2012, 's iad a' cur 340 millean brath gach latha. Cuideachd, bha an t-seirbheis a' faighinn 1.6 billean ceistean-rannsachaidh san latha agus an 2013, bha i air tè de na 10 làraichean as motha a fhuair de thadhal air an eadar-lìon.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. [1]Iris air-loidhne, Dàna; aiste "Gràin air a' Ghàidhlig"