Trèana
Bidh trèanaichean a' siubhal air rathaidean-iarainn. Is e sreath de charbadan a tha ann an trèana.
Tha am facal "trèana" stèidhichte air facal Beurla air "sreath". B' iad eich a bha a' tarraing nan carbadan air na ciad rathaidean-iarainn. Ged nach b' urrainn do dh'each ach tunna a chuideam a tharraing ann an carbad air rathad-cloiche, thairngneadh e ceithir no còig tunna a chuideam air rathad-iarainn rèidh. Mar sin shlaodadh e trì no ceithir carbadan ann an sreath.
Tha seo soilleir bhon Achd Phàrlamaid a cheadaich togail an rathaid-iarainn eadar an Ruadh Ghleann is Glaschu ann an 1826. Shònraich an Achd nach fhaodadh each ach "trì carbadan ann an sreath" a tharraing far am biodh an rathad-iarainn a' dol tarsainn air an rathad àbhaisteach air an t-slighe gu Cidhe a Deas a' Bhroomielaw.
Bho mu 1830 chuireadh innealan-smùide an gnìomh gus na trèanaichean a tharraing. Air sgàth seo thòisich trèanaichean air falbh mòran na bu luaithe. An-diugh air feadh an t-saoghail tha innealan-smùide air a dhol a-mach às an fhasan agus is e cumhachd an dealain no einnseanan "Diesel" a thairngneas trèanaichean.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean - blog aig Alasdair MacCaluim
- BBC Naidheachdan 2017-02-13: Bò air a mharbhadh le trèan (aithris-bhideo 2:19)