Tonn-fhad
'S e am meud fiosaigeach a sheallas an t-astar eadar toiseach agus crìoch cuairt slàn tuinn a th' ann an tonn-fhad.[1] Le sin, canar gur e an sgaradh ann an spàs a tha eadar dà àite leis an aon sheòrsa gluasaid a th' ann. Thathar a' riochdachadh an tonn-fhaid leis an litir greugach lambda (λ). Ann an graf, 's urrainnear tonn-fhad a riochdachadh bho àirde gu àirde, ìochdar gu ìochdar, cothrom gu cothrom air neo àite air choireigin eile a tha a' gluasad san aon dòigh.
Aonadan
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann air roinnean an t-siostaim mheatraich - mar an nanomeatair agus an micromeatair - a tha meudachadh tonn-fhaid stèidhichte.[2] Mar eisimpleir, 's urrainnear tonn-fhad nan tonn fuaime mheudachadh ann am meatairean, ach 's e na nanomeatairean a tha nas fhasa airson tonn-fhadan rèididheachd dhealan-mhagnaitich, mar rèididheachd ultra-bhìolait agus gathan gamma, a mheudachadh.
- Aon nanomeatair = 1 nm = 10-9 m
- Aon micromeatair = 1 µm = 10-6 m
A bharrachd air an t-siostam mheatrach, thathar a' cleachdadh nan Ångström, gu h-àraidh ann am speactramscòpadh, air sàilleabh gur e aon Ångstrom a th' anns an astar àbhaisteach eadar atam mòran chriostalan.
- 1 Ångström = 1/10 nm
Ceanglaichean A-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Richard Taillet, Loïc Villain et Pascal Febvre, Dictionnaire de physique, A' Bhruiseal, De Boeck, 2013
- ↑ SAMPAIO, José Luiz e CALÇADA, Caio Sérgio. Universo da física: Ondulatória, eletromagnetismo, física moderna vol.3, 2ª edição, 2005