Jump to content

An Garradh Thlachdan Talmhaidh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o The Garden of Earthly Delights)
An Garradh Thlachdan Talmhaidh

Pheantadh an trì-chòmhla, An Garradh Thlachdan Talmhaidh (Beurla: The Garden of Earthly Delights), ann an dathan-ola mu 1500 leis an àrd-mhaighstir Duitseach Hieronymus Bosch, no El Bosco, mar a chanadh ris anns an Spàinn far a faicear obair as ainmeile anns an taigh-tasgaidh El Prado ann am Madrid. Chìthear ìomhaighean deabastach agus fantastach. Tha pailead nan dath cuingichte ri dubhar glas agus ùine, a bha cumanta anns na Tìrean Ìosal aig an àm. Gideadh, nuair a dh'fhosglas an trì-chòmhla chìthear caochladh dhathan. Tha am pannal air an làimh chlì a' riochdachadh Garradh Edein far am faicear Adhamh agus Eubha air an cuairteachadh le beathaichean. Tha na pannalan eile a' riochdachadh a' chruinne-cé agus an ifrinn a rèir a chèile.