An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "James Cook"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b All info is kept in Wikidata, removed: {{Link GA|de}} (2) using AWB (10903)
b rs
Loidhne 15: Loidhne 15:
Air a bhoidse mu dheireadh fhuair e bàs aig [[Hawaii]], an sabaid le tusanaich, (17 Faoilteach [[1779]]).
Air a bhoidse mu dheireadh fhuair e bàs aig [[Hawaii]], an sabaid le tusanaich, (17 Faoilteach [[1779]]).


[[Roinn-seòrsa:Seòladairean agus Rannsachairean]]
[[Roinn-seòrsa:Seòladairean Sasannach]]
[[Roinn-seòrsa:Daoine]]
[[Roinn-seòrsa:Sasainn]]

Mùthadh on 23:33, 31 dhen Chèitean 2017

James Cook

B' e maraiche, fear-thomhais agus rannsachair a bha ann an James Cook (1728-1779).

Mar oifigear an Cabhalach Rioghail na Breatuinne, rinn e tri boidsean tomhais/rannsachaidh dhan Chuan Sith, 1768-1771, 1772-1775 agus 1776-1779.

Rugadh e 28mh an Damhair 1728, mac scalaig, aig Marston faisg air Cleveland an Siorramachd Ioirc. Cha d'fhuair e ach bun-sgoileadh. Nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois chaidh a fhasdadh fo bhonn ri ceannaiche anns a' bhaile iasgaidh de Staithes air oir Siorramachd Ioirc. Cha d'fhann e fada anns an dreuchd sin, ach chaidh a fhasdadh fo bonn ri neach-sheilbh luing à Whitby. Thàinig e a-mach na mharaiche agus bha e grunnan bliadhna an malairt a' ghuail agus malairt na Bailtic.

Ann an 1755, chaidh e do Cabhalach Rioghail na Breatuinn, a' seòladh a roimhe na cruinn ach taobh a-steach ceithir bliadhna dh'eirigh e gu inbhe Maighstear Sheòlaidh. Bha e, as deidh sin, mu deich bliadhna a' seòladh mun oirthir An Talamh Ùr agus beul Abhainn Naoimh Labhrainn, air longan-thomhais a bha ri tomhais an oirthir agus cruthaich cairtean agus leabhraichean phiolaid. Fad 's a bha e air an obair seo, ionnsaich e matamataig dha fhèin agus rinn e fhèin-ullachadh airson obair as àirde.

Rinneadh Lieutanant dheth an 1768, agus thoireadh dha uallach a ghiùlan expedition Saidheansail gu Haiti a thomais transaid de Bhenus a bha ri tachairt air 3 Og Mhios 1769. Air an slighe dhacaidh sheòl e suas an taobh sear de Astràilia, ga chairteachadh aig a h-aon am, mun do rinn e air an iar, a' seòladh eadar Nuadh Ghineau agus e Astrailia, sgriob a chuir as an creideamh gu robh mòr-thir deasachd a shineadh gu tuath ri 40°Deas. Nuair a thill an luing gu Breatuinn rinneadh Chomandair dheth.

Chuireadh e ri dreuchd air tìr airson beagan miosan ach an ath bhliadhna, chuireadh e os cionn iomairt rannsachaidh eile. Bha amas a' bhoidse seo a thomhais meud de Antartica. Thug Cook an long-thomhais cho fada dhan deas gun b'urrainn dha, a sheòl mun agus a phlot criochan den deigh a chuairteachas Antartica. Nuair a thill e bhon tomhais seo an 1775 rinneadh Làn Chaiptean dheth.

Air a bhoidse mu dheireadh fhuair e bàs aig Hawaii, an sabaid le tusanaich, (17 Faoilteach 1779).