An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Breac"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Bot: Migrating 2 interwiki links, now provided by Wikidata on d:Q2857311
minimal renamings
Loidhne 1: Loidhne 1:
[[Image:Trout.jpg|right|200px|thumb|Breac]]
[[Faidhle:Trout.jpg|right|200px|thumb|Breac]]
'S e seòrsa iasg a tha ann am '''breac''' ([[Laideann]]: ''Salmo trutta trutta'')
'S e seòrsa iasg a tha ann am '''breac''' ([[Laideann]]: ''Salmo trutta trutta'')


Loidhne 10: Loidhne 10:
'S e iasg làn blas a th’ ann an breac agus tha e caran olach le feòil cleiteach. B’ urrainn dhuibh am breac a lìonadh a–steach le rudan eile, bruich, frighig anns a’ phana neo grisgean.
'S e iasg làn blas a th’ ann an breac agus tha e caran olach le feòil cleiteach. B’ urrainn dhuibh am breac a lìonadh a–steach le rudan eile, bruich, frighig anns a’ phana neo grisgean.


[[Category:Beathaichean]]
[[Roinn-seòrsa:Beathaichean]]
[[Category:Iasg]]
[[Roinn-seòrsa:Iasg]]

Mùthadh on 23:41, 10 dhen Dàmhair 2014

Breac

'S e seòrsa iasg a tha ann am breac (Laideann: Salmo trutta trutta)

Tha cuid as motha dhe na bhreacan a-mach sa fìor-uisge ach tha feadhainn a’ fuireach ann an uisge saillte. Nuair a tha breac na mara a’ mealgachadh bidh iad a’ gluasad air ais dhan fhìor-uisge agus dha na h-aibhnichean eadar an t-Iuchar agus an t-Samhain far am bi gach boireannach a’ dèanamh timcheall air deich mìle uighean. Bidh na feadhainn beaga a’ feitheamh ann gus a bheil iad eadar còig deug no fichead ciadameatairean sa còig, a’ fàs le bhith ag ithe bèisteagan. As dèidh a bhith a’ fuireach anns na uisge saillte airson eadar leth-bhliadhna agus còig bliadhnaichean bidh iad a’ dol air ais dhan fhìor-uisge gach bliadhna airson sìolradh a dhèanamh. Tron an t-àm a tha iad anns a’ mhuir bidh iad a’ fuireach faisg air an oirthir gu h-àraidh faisg air beòil-aibhne agus àiteachan eile far a bheil fìor-uisge a’ tighinn còmhla ri uisge saillte. Tha e air a lorg timcheall Bhreatainn.

‘S e iasg fada agus caol a th’ ann le craiceann airgid no donn air aig a bheil pìosan orains, uaine agus gorm. San fharsaingeachd tha an t-iasg seo eadar da fhichead agus leth cheud ciadameatairean air fad. Mar tòrr èisg eile bidh breac ag ithe èisg beag eile nuair a tha iad anns a’ mhuir.

Tha tòrr daoine ag iasgach airson breac airson spòrs agus tha àiteachan ann far a dh’ fheumadh tu cead fhaighinn airson gan glacadh. Tha e tòrr nas fhasa a bhith a’ faighinn breac bhon fhìor-uisge seachd air a’ mhuir agus ‘s e duais mhòr a th’ ann a bhith glacadh breac fiadh a tha a’ fuireach sa mhuir, ‘s e ròicealachd a th’ ann airson coicearachd agus ithe cuideachd.

'S e iasg làn blas a th’ ann an breac agus tha e caran olach le feòil cleiteach. B’ urrainn dhuibh am breac a lìonadh a–steach le rudan eile, bruich, frighig anns a’ phana neo grisgean.