An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Innleadaireachd"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 93: Loidhne 93:
[[sco:Ingineerin]]
[[sco:Ingineerin]]
[[sh:Inženjerstvo]]
[[sh:Inženjerstvo]]
[[si:ඉංජිනේරු විද්‍යාව]]
[[simple:Engineering]]
[[simple:Engineering]]
[[sl:Tehnika]]
[[sl:Tehnika]]

Mùthadh on 01:31, 22 dhen Fhaoilleach 2011

Is ann an innleadaireachd am proifeasan a chuireas saidheans-nadurra an gniomh a chruthaich goireasan freagaireach ri feumalachdan dhaoine. Canar innleadair, neach-innlichidh neo (an Eireann) Innealtoir riu a tha a' sas ann.

Is e freumh-fhacal de innleadair innlich, gniomhara a tha a' ciallachadh a bhi cruthachadh rudan as ur. Tha seo an co-mheas leis an fhacal Eireannach Innealtoir a tha steidhichte air an fhacal "inneal".

A dh'aindeoin sin, Is e obair nan innleadair (neo na nInnealtoiri) a bhith ri dhealbhadh agus ri dhèanamh innlean agus/neo obraichean ùr a fhreagaireas ri feum an latha. Tha bunachar na proifeasan a' dol ar ais ri linn nan righ, nuair a bha "innleadair" na h-oifigear arm le eolas a thogail obraichean dionaidh agus ionnsaigh (meinichean mar eisimplir), comhla le innealan chogaidh- muilnean fudair is an leithid. Mu deireadh an 18mh linn chruthaich Iain Smeaton, an ceann iar na Sasuinn, an stoidhle "Civilian Engineer", airson a fhein agus esan a' tairgse seirbhisean teicniuil, steidhichte air tuigse de feallsanachd-nadurra, anns an t-saoghal siobhalta- i.e. taobh a muigh laghan an arm. Bha seo co-aimsireil le toiseach de "Car a' Mhuiltean a' Ghniomhacas", agus lorg Smeaton agus na Luchd-Innlichidh a thanaig as an déidh feille airson na seirbhisean aca, an cruthachadh sgeamaichean airson canalaibh agus drochaidean comhla le rathaidean, taighean solais, muilnean-uisge agus obraichean meinearachd, mus an deach iad a-steachd, trath 's an 19mh linn, air innealaibh-stoith, rathaidean-iarruin agus roimhe deireadh an linn dealanachd agus conaltradh-dhealain. Anns an 20mh linn, chuir muileanean de innleadairean an saor-bheatha a-steachd ri leasaicheadh de reidio, itealanan, agus coimpiutairean, ged 's chaidh iad air ais cuideachd ri leasachadh de innealan chogaidh cumhachd-mhor gu leor a dheanamh milleadh air an t-saoghail.

Cha mhòr nach eil innleadair air dealbhadh neo air dèanamh a h-uile rud a chleachdas sinn gach latha! Carbad? Is e innleadairean a dhealbh e. Rathad? Is e innleadair a dhealbh e. Drochaid? Is e innleadair a dhealbh i. Solas dhealain? Is e innleadair a dhealbh sin, agus an uidheam gu lèir a tha cruthachadh an dealain agus h-uile sian eile a bhitheas na ruith air dealan.

Tuigsear gur e proifeasan ioma-fhillte a tha ann an innleadaireachd. Mar sin, 's an latha an diugh tha innleadaireachd roinnte eadar caochladh sgoiltean. Is iad na prìomh roinntean den phroifeasan:

  1. Innleadaireachd Shìobhalta: A ghabhas a-steachd obraichean a tha steidhichte air talmhuinn, mar eisimplir rathaidean, drochaidean, obraichean uisge. Is e sructur a tha anns gach ni de na h-obraichean seo.
  2. Innleadaireachd Mheiciniuil: A dheiligeas le innealaibh de gach seorsa.Inneal Mar eisimplir taosgairean, innealan fuaghail, tractaran, muilnean gaoithe.
  3. Innleadaireachd Dhealanachd: A ghabhas a-steachd uidheam de h-uile seorsa a ruitheas air dhealain. Mar eisimplir: muilnean-dhealain, loidhnicheachean dhealain, uidheam reidio agus fonaichean-laimhe.