An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "N'Djamena"
b robot Adding: bo:ཇ་མི་ན།; cosmetic changes |
b robot Adding: be-x-old:Нджамэна |
||
Loidhne 30: | Loidhne 30: | ||
[[am:ንጃመና]] |
[[am:ንጃመና]] |
||
[[ar:إنجامينا]] |
[[ar:إنجامينا]] |
||
[[be-x-old:Нджамэна]] |
|||
[[bg:Нджамена]] |
[[bg:Нджамена]] |
||
[[bo:ཇ་མི་ན།]] |
[[bo:ཇ་མི་ན།]] |
Mùthadh on 20:54, 12 dhen Fhaoilleach 2010
'S e prìomh-bhaile na Siad a tha ann an N'Djamena, Arabais: Niǧāmīnā. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 721,000 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Chari agus tha port aige. Tha am baile ceangailte le drochaid thairis air an abhainn le Kousséri ann an Camarun. 'S e seo an Co-chomharran aige: 12° 6' 47" Tuath agus 15° 2' 57" Ear
Air an 29mh latha den Chèitean 1900 chaidh N'Djamena a’ stèidheachadh mar Fort-Lamy leis an ceannard Émile Gentil às an Fhraing. Thàinig an t-ainm bho Amédée-François Lamy, oifigear frangach a chaidh a mharbhadh anns an Battle of Kousséri dìreach laithean roimhe sin. Anns a’ bhliadhna 1973, dh’atharrachaidh François Tombalbaye, ceann-suidhe na Siad, an t-ainm gu N'Djamena (a’ ciallachadh: àite airson fois a ghabhail).
Tha e inntinneach ri fhaicinn ciamar a tha an àireamh-shluaigh a’ dol suas tro na bliadhnaichean:
- 1937 : 9,976
- 1940 : 12,552
- 1947 : 18,375
- 1968 : 126,483
- 1993 : 529,555
- 2005 : 721,000
Tha an t-oilthigh University of N'Djamena anns a’ bhaile agus tha am port-adhair N'Djamena International Airport faisg air a’ bhaile.