Stràc throm
À | à |
Ầ | ầ |
Ằ | ằ |
È | è |
Ề | ề |
Ḕ | ḕ |
Ì | ì |
Ǹ | ǹ |
Ò | ò |
Ồ | ồ |
Ṑ | ṑ |
Ù | ù |
Ǜ | ǜ |
Ừ | ừ |
Ẁ | ẁ |
Ỳ | ỳ |
'S e an comharradh gràmair ( ` ) a tha anns an stràc throm (ris a tha cuideachd an stràc mhall). Thèid an comharradh a chleachdadh os cionn litrichean ann am feadhainn aibidilean Laideannach airson iomadh adhbhar.
Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Anns a' Ghàidhlig, thathar ga cleachdach os cionn nam fuaimreagan fada. Bhiodh e agus o fada air an sgrìobhadh leis an stràc gheur (é, ó) san àm a dh'fhalbh, ach thathar a' sgrìobhadh an stràc mhall os cionn a h-uile fuaimreag an-diugh.
Cànanan eile
[deasaich | deasaich an tùs]Air a chaochladh, thathar ga cleachdadh sa Chuimris os cionn fuaimreig am biodh fada às a h-aonais , a' sealltainn gu bheil i goirid, m.e. "mẁg"' (muga) seachad air "mwg" (smùid).
Thathar ga cleachdadh cuideachd ann an Nirribhis, ann an cànanan Ròmanaich agus ann an cànanan eile. Tha na h-adhbharan eadar-dhealaichte, ach chan eilear ga sgrìobhadh os cionn connragan idir.