Caora

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Sheep)
Jump to navigation Jump to search
'
Caoraich mhaola - uain.jpg
Uain dhen bhriod "caoraich mhaola"
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Còmhlan Chordata
Buidheann Mammalia
Òrdugh Artiodactyla
Teaghlach Bovidae
Gnè Ovis
Seòrsa O. aries
Ainm saidheansail
Ovis aries Linnaeus, 1758
Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

'S e creutair ceithir-chasach a tha anns a' chaora (Ovis aries). Tha casan crodhanach air caoraich, mar a tha air crodh, fèidh, goibhrean agus muic.

Eadar dròbhan nan tuathanaich mòra, treudan nan club stoc aig na bailtean croitearachd agus na treudan beaga aig croitearan fa-leth, tha iad cumanta air feadh Alba.

Tha daoine air a bhith ri àrach chaorach bho linn a' Bhìobaill. Cumar iad airson caochladh adhbharan: airson clòimh, airson feòil agus (uaireannan) airson bainne. Chanar "cìobaire" ri fear no tè a bhios a' coimhead às dèidh chaorach air ceann a chosnaidh.

Tha iomadh briod chaorach ann. San latha an diugh is iad "Caoraich Dubh-cheannach" agus "Caoraich Mhaola" as cumanta air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha na dubh-cheannaich nas righinn na na Caoraich Mhaola, agus fanaidh iad beò air monaidhean Alba fad a' gheamhraidh, air an fheurach a-mhàin bidh cuid ag ràdh (ged a chanadh feadhainn eile gur h-e dearg amaideas a tha seo). Tha na caoraich mhaola nas motha agus nas truime, agus gheibh iad prìsean as fheàrr aig fèilltean-reic nan uan a tha gan cumail gach foghar, ach feumaidh iad biathadh geamhraidh; mar sin tha iad nas daora a ruith. Ach tha iad fhathast fìor thapaidh.

'S iad caoraich mhaola a tha rim faicinn san dealbh air an duilleig seo. 'S iad seo "Na Caoraich Mhòra" bhon tàinig an abairt "Bliadhna nan Caora Mhòr", agus a dh'adhbharaich (ann am pàirt) fuadach nan Gàidheal.


Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)

Dealbhan