Sgarba
Coltas
'S e eilean beag faisg air Diùra agus air Coire Bhreacain a th' ann an Sgarba (Beurla: Scarba). Ann an 1794, bha ceithir teaghlach deug a' fuireach air Sgarba, ach chan eil mac an duine air a bhith a' fuireach air Sgarba bho 1960s.[1] 'S e Lord Richard Sandys seilbheadair an eilein.[1]
Daoine ainmeil le ceangal ri Sgarba
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir beul-aithris, chaidh am bàrd Màiri nighean Alasdair Ruaidh agus fear de chinn-chinnidh nan Leòdach a-mach air a chèile agus bha Màiri air a cur a Sgarba mar pheanas.