Jump to content

James Watt

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Seumas MacBhatair)
James Watt
Beatha
Breith Grianaig, 19 dhen Fhaoilleach 1736
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Glaschu
Bàs Heathfield Hall (en) Translate, 25 dhen Lùnastal 1819
Àite-adhlacaidh St Mary's Church (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra
Teaghlach
Athair James Watt
Màthair Agnes Muirhead
Cèile Peggy Miller (en) Translate  (1763 -
Ann McGriigor (en) Translate  (1775 -
Clann
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd einnseanair, ceimigear, fiosaigiche, innleachdair, neach-tionnsgain, matamataigear agus technician (en) Translate
Àitichean-obrach Glaschu agus Birmingham
Fastaichean Oilthigh Ghlaschu
Duaisean a fhuaras
Buaidh Thomas Newcomen (en) Translate
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Fhrangach nan Saidheansan
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Lunar Society of Birmingham (en) Translate

Is e saor-innealan-thomhais, fiosaigiche, innleadair agus neach-malairt a bha ann an James Watt (19 am Faoilleach 1736 - 25 an Lùnasdal 1819). Rugadh e ann an Grianaig, far an robh a h-athair na bhàillidh agus na fhear-togail thaighean is bhàtaichean. Chaochail e aig aois de 83 bliadhna ann am Birmingham, Shasainn.

Cha robh deagh shlàinte aige nuair a bha e na bhalach agus fhuair e foghlam tràth on a mhàthair mus deach e gu sgoil gràmair. Chaidh e an 1753 gu Glaschu airson tàilleabhachd agus an 1755 gu Lunnainn. Thill e gu Glaschu aig aois 21 a dh'fhosgladh bùth aig Oilthigh Ghlaschu airson innealan-thomhais matamataigeachd a dhèanamh agus a chàradh. 'S ann anns a' cheàrd sin a bha e nuair a chaidh iarraidh air samhail de dh'inneal Newcomein a chur an gleus. Bha an t-inneal an seilbh roinn Feallsanachd Nàdurra na h-Oilthighe ach cha do dh'obraich e gu cheart. 'S ann anns an iomairt siud a chruthaich e ciste fa-leth airson fuaradh agus dlùthadh stotha. Leis a' chiste-dhlùthaidh an staid falamhantas, nan chuireadh an ciste-dhluthaidh an co-radhas leis an t-siolandair làn stotha, teicheadh stotha bhon t-siolandair dhan chiste-dhlùthaidh - far an rachadh a dlùthadh ri uisge-glèidheadh mar sin falamhantas a' chiste-dhlùthaidh agus aobhraicheadh anns an t-siolandair an falamhantas a bha dhìth a dh'obraich an t-inneal.

Is e an dlùthadair (ciste-dhlùthaidh) fa-leth agus am brèbhet a chlàraich e air an son a bha na bhun-stèidh da fhortan.