Jump to content

'S e an Tighearna Fhèin mo Chìobair

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Se an Tighearna Fhein mo Chiobair)

Tha an laoidh, 'S e an Tighearna Fhèin Mo Chìobair, stèidhichte air an taing a thug Rìgh Daibhidh do Dhia an deidh dha greim fhaighinn, gu sìtheil, air an rìoghachd aige agus e beò ann an àm saoibhreas agus dòigh.

Thuirt Iain Calvin mu ’n laoidh, agus e a tarruing bho na thuirt Naomh Augustine roimhe, “Cha lorg sinn òran nas fheàrr, no nas freagarrach, Sailm Dhaibhidh, a chaidh an labhairt tro’n Spiorad Naomh... nuair a bhios sinn gan seinn, faodaidh sinn bhith cinnteach gur e Dia a tha a cuir na facail nar beòil, mar gum biodh E Fhèin a seinn tromhainn gus a Ghlòir a mholadh.”

‘S e Leabhair nan Sailm anns a’ Bhìoball a chiad laoidheadair. Tro eachdraidh bha Crìosdaidhean airson leantainn òrdugh a Bhìobull adhradh dhèanamh agus Dia a mholadh. Bha aite sònraichte aig Salm 23 mar aon de na pìos is còrdte mar “Laoidh a Chìobair”.

Tha an laoidh, mar a dh’aithnicheas sinn e an-diugh, air a tharruing bho dhiofar phìosan bàrdachd agus diofar laoidhean. A miosg na daoine a chuir an làimh ris bha Zachary Boyd, ministir am Barony Church an Glaschu agus iar-sheansalair Oilthigh Ghlaschu a sgrìobh rannan Sailm 23 an 1646; an Ridire Uilleam Mure ‘o Rowallan, a bha na shaighdear le Oliver Cromwell anns an cogadh sìobhalta agus Francis Rous a bha cuideachd a toirt taic dha Cromwell agus a bha na Bhall-Pàrlamaid airson Truro anns am pàrlamaid ‘Barebones’ agus a chruthaich bàrdachd a chaidh a chleachdadh anns an psalter de 1650 - e an dreach air a bheil sinn is eòlach san latha an-diugh.

Anns na 1640an dh’eadar-theangaich Aimeireagach, Francis Rouse, gach fear de na 150 Sailm bho Eabhra gu Beurla meadrachail. Aig coinneamh an Dùn Èideann, chuir Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba obair Rouse air adhart gu comataidhean airson sùil a thoirt air agus ullachadh airson a chleachdadh anns na h-eaglaisean Albannach.

Thug na comataidhean seo sia bliadhna a leughadh na sailm aig Rouse agus dèanamh coimeas eadar na seann sailm ann an Eabhra agus iad ag obair air eadar-theangachadh ann an dòigh a leigeadh leis an t-sluagh na sailm a sheinn, ach a dhèanadh cinnteach gun robh na facail fìor cheart agus ceangailte ris na facail Eabhra.

Ged a bha luchd na h-Alba a-riamh measail air “‘S e ‘n Tighearna Fhèin mo Chìobair” thug e mu 300 bliadhna mus do dh’fhàs an laoidh ainmeil air taobh a-muigh Eaglais na h-Alba. Nochd e anns am Methodist Hymnal an 1876 agus an uairsin an Congregational Hymnal an 1916. Cha deach fhoillseachadh san Anglican hymnbook gu 1965. Dh’fhàs am pìos gu h-àraidh ainmeil ann an Sasainn an dèidh dha daoine a chluinntinn air a chleachdadh aig banais Ban-righ Ealasaid agus am Prionnsa Philip ann an 1947. Bhon uairsin tha an laoidh gu cumanta air a sheinn aig bainnsean agus tìodhlaicean san latha an-diugh.

Chaidh am fonn “Crimond” a chleachdadh airson a chiad turas anns an Northern Psalter an 1872 còmhla ris an laoidh “I Am the Way and the Truth and the Life”. Tha e coltach gur e tè dhan ainm Jessie Seymour Irvine, nighean ministear ann an Dunottar agus Crimond, a sgrìobh am pìos ceòl.

Aistidhean ceangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]