Jump to content

Poll a' Ghrùthain

O Uicipeid
Poll a' Ghrùthain
Suidheachadh
Dùthaich Sasainn
Ceàrn Merseyside
Co-chomharran 53° 24′ 0″ Tuath
3° 0′ 0″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,001 km²
Àireamh-shluaigh 435,500 (2007)
Dlùths 87.08/km²
Àireamh fòn 0151
Duilleag oifigeil Comhairle Cathair Pholl a' Ghrùthain

Tha Poll a' Ghrùthain na mòr-bhaile ann an iar-thuath na Sasainn. Tha e suidhichte air bruach a tuath Abhainn Mhersey, agus 's e cathair agus port-mara a tha innte. 'S e 444,500 àireamh-sluaigh a' bhaile. Chuirear Learpholl air a' chathair anns an nua-Ghaeilge, agus Lerpwl sa Chuimris.

'S e eadar-theangachadh bhon ainm Beurla Liverpool a tha ann am Poll a' Ghrùthain, ach is ann bho Gaeilge aig linn nan Lochlannach "leifir poll" a thàinig an t-ainm sin bho thùs. Tha an t-ainm a' comharrachadh lon a chaidh don mhuir eadar bruaichean polltach. Ruith am "poll" suas gu ceann far a bheil James Street a' tòiseachadh san latha an diugh. Mhair am poll gu toiseach an 19mh linn, nuair a chaidh saibhearachadh air.

Theirear gun deach a’ chathair a stéidheachadh ann an 1207 nuair a bhail Rìgh Iain cairt oirre. Chuirte saighdearan gu h-Éirinn bhon chala ach bu bheag leasachadh a rinneadh air a’ chathair fhéin gu ceann iomadh linn. Cha robh ach mu 500 duine a’ fuireach ann am Poll a' Ghrùthain gu meadhan an 16mh Linn. Mu cheud gu leth bliadhna às dheidh sin, ge-tà, rinneadh parraist de Pholl a' Ghrùthain le Achd Pàrlamaid agus thòisich fàs na cathrach. Dh'fhàs a cuid malairt ri Éirinn agus ri na h-Innseachan an Iar agus rinneadh prothaid mhór bho thràilleas.

Bho 1750 air adhart, b’ e Poll a' Ghrùthain am port san Roinn-Eòrpa a bu mhotha an sàs ann am malairt nan tràillean. Dh'fhàs a’ chathair gu mòr air malairt trì-oisinneach: airm, prìosanaich agus bathar cotain a-null a dh’ Afraga, tràillean a thoirt tarsainn bho Afraga gu Aimeireaga a Tuath agus gu Meadhan-Aimeireaga, agus cotan, tombaca agus siucair a-nall bho phlanntaichean Aimeireaga. Mu thoiseach an 19mh Linn bha 40% de mhalairt an t-Saoghail a’ dol tro Pholl a’ Ghrùthain. Thòisich sluagh à Éirinn a’ tighinn a dh’fhuireach sa chathair nuair a bha gort ann an Éirinn sna 1840an, agus ann an cunntas-sluaigh 1851 b’ ann à Éirinn a bha a’ cheathreamh chuid den t-sluagh.

B' ann rè an 19mh linn a thogadh toglaichean móra a' bhaile. Lean fàs a' bhaile san 20mh linn agus e a' tarraing in-imrichean à tìrean na h-Eòrpa, Cuimrich, Albannaich agus Èireannaich gu h-àraidh. Bha a bharrachd air 850,000 duine sa chathair ann an 1930. Rinneadh lom-sgrios air Poll a' Ghrùthain rè am "Blitz", ionnsaigh bomaichean na Gearmailte.

Thàinig mall air malairt a' phuirt agus air gnìomhachasan tradaiseanta Poll a' Ghrùthain ré na 1970an. Bha stailcean agus aimhreitean sa chathair sna 1980an agus mhothaich muinntir Poll a' Ghrùthain nach robh cothrom na féinne á fháil aca bhon riaghaltas aig Mairead Thatcher. Tha an còmhlan-ciùil Motörhead à Poll a' Ghrùthain cuideachd.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Stadt Köln