Jump to content

Nokia (baile)

O Uicipeid
Nokia
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich Suòmaidh
Ceàrn Pirkanmaa
Sgìre Länsi-Suomen lääni
Co-chomharran 61° 29 00' Tuath
23° 31 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 347.76 km²
Àireamh-shluaigh 32,402 (2010)
Dlùths 93.17/km²
Àireamh fòn (+ 358) 3
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile meadhanach[1] agus sgìre faisg air Tampere ann an ceann a deas Suòmaidh a th’ ann an Nokia (IPA: nokiɑ, Liotuànais: Nokija). Tha e suidhichte aig 89m os cionn ìre na mara,[2] ri beulaibh na h-Aibhne Nokianvirta agus Loch Saviselkä, ann an àite làn coilltean anns an Roinn Siar Suòmaidh (Fionnais: Länsi-Suomen lääni) 24km air falbh bho Hämeenkyrö, 131 bho Turku, 407km bho Oulu, 163km agus bho Helsinki, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha am baile ann an cridhe Pirkanmaa agus tha 32,402 duine a’ fuireach ann.[4] ‘S e Fionnais an aon cànan a tha ga bhruidhinn ann an Nokia. Tha gnìomhachais an fhiodh agus an dealain uabhasach làidir an seo, a bharrachd air fònaichean-làimhe. Chaidh Nokia a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1505.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Blönduós
  • Horsens
  • Karlstad
  • Moss

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Suomi Sanakirja
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Oifis Staitisteagach na Stàite

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]