Murfreesboro, Tennessee
Coltas
(Air ath-sheòladh o Murfreesboro)
| Murfreesboro | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | |
| Sgìre | Rutherford |
| Co-chomharran | 35° 50 46' Tuath 86° 23 31′ Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 101.5 km² |
| Àireamh-shluaigh | 108,755 (2010) |
| Dlùths | 1,071.48/km² |
| Àireamh fòn | +01 (615) |
| Duilleag oifigeil | http://www.murfreesborotn.gov/ |
‘S e baile mòr ann an ceann a deas nan Stàitean Aonaichte a th’ ann am Murfreesboro. Tha e suidhichte aig 186m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Stones, eadar McMinnville agus La Vergne, air iomall Nashville, anns an stàit Tennessee. Tha am baile 823km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 2,897km bho Los Angeles, 1,505km bho Bhoston agus 676km bho Chicago.[2] Tha 108,755 duine a’ fuireach anns a’ bhaile. Chaidh Murfreesboro a stèidheachadh ann an 1811, fon ainm Cannonburgh, agus chaidh oilthigh a chur air dòigh an seo ann an 1911.[3]. Tha e suidhichte ann am meadhan na stàite. Bha Murfreesboro na phrìomh-bhaile na Stàite bho 1818 gu ruige 1826.