Maighdeann-ròin
Tha na maighdeannan-ròin (Beurla: selkies silkies no selchies) 'nan creutairean uirsgeulach san eòlas-uirsgeul na h-Èireann agus na h-Alba a 's urrainn dhaibh chruth-atharrachadh o ròin ann am mac an duine. Thòisich an fionnsgeul gu soilleir ann an Arcaibh, far a tha "selkie" gu soirbh am facal Arcach air "ròn".
Tha maighdeannan-ròin urrach a dh'fhàs daoine le cur air imrich am bèin-ròin, agus 's urrainn dhaibh ris an dealbh ròin thilleadh le cur am bèin air ais umpa. Am bitheantas tha sgeulan timcheall maighdeannan-ròn 'na sgeulan brònach suirghe: tuitidh duine agus maighdeann-ròin ann an gaol, ach an dèidh ùine fàsaidh a' mhaighdeann-ròin neo-fhoisneach, a' socrachadh ri thilleadh dhan mhuir. Uaireannan cha bhi fhios aig duine a bheil a leannan 'na maighdeann-ròin, agus dùisgidh gan lorgadh air falbh. Uairean eile falaichidh an duine an bian na maighdinn-ròin, mar sin gam bocadh an tilleadh dhan riochd ròin.
Tha The Great Silkie of Sule Skerry 'na òran tradaiseanta ainmeil à Arcaibh mu mhaighdeann-ròin agus tha iad an teis-mheadhan an fhilm The Secret of Roan Inish cuideachd.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- The Selkie Folk
- A Home for Selkies le Beileag Winegarner