Jump to content

Málaga

O Uicipeid
Málaga
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Málaga
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 36° 43’ 10 Tuath
04° 25′ 12 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 395 km²
Àireamh-shluaigh 568,305 (2009)
Dlùths 1,438.75/km²
Àireamh fòn + 00 952
Duilleag oifigeil http://www.malaga.eu

‘S e baile mòr agus port ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Málaga (IPA: 'malaɣa). Tha e suidhichte aig dìreach11m os cionn ìre na mara air Oirthir na Grèine (Spàinntis: Costa del Sol), 153km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 209km bho Shevilla.[1] Tha am baile ann an taobh a deas Andalusia. Tha 568,305 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[2] an darna baile as motha ann an Andalusia agus an 6mh baile as motha na Spàinne. [3]

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à m-l-k (Gàidhlig: Rìgh, riaghladh no rìoghachd) ann am Foinìsis a th’ ann an t-aimn.[4] A bharrachd air sin, b’ ann à Tyros a bh’ ann na luchd-in-imrich sin agus b’ e Melqart (Dia a’ bhaile) a bhìte ag adhardh an sin.[5] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à mlh (Gàidhlig: Salainn) no mlgh (tionndaidh) a tha e oir thathar air lorgan obair-mheatailt fhaighinn an seo. Sgrìobhadh مالقة ann an Arabais, a thug Málaga dhuinn an latha an-diugh.

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6]

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Málaga.[7] Cha tuit ach 534mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 639mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite tioram a th' annː

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  3. Bailtean na Cruinne
  4. Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba
  5. Rodríguez Oliva, Pedro (2007). Historia de Málaga. Málaga en la antigüedad. Prensa Malagueña S.A.
  6. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  7. Aemet

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]