Inbhir Losaidh
'S e baile ann am Moireabh a tha ann an Inbhir Lòsaidh (Beurla: Lossiemouth). [1][2] 'S e sin am baile as fhaide tuath air còrsa a deas den Linne Mhoireibh. Tha e suidhichte aig inbhir Abhainn Losaidh. Tha tràigh gainmhich agus stèisean den Royal Air Force, an RAF Lossiemouth iar air a’ bhaile.
'S e seo na co-chomharran aige: 57° 43′ 8.″ Tuath agus 3° 17′ 15″ Iar.
Ann an 2020 bha 6840 duine a' fuireach an seo.[3]
Bha daoine a' fuireach anns an àite seo nas motha na 1,000 bliadhna, ach chaidh am baile mar a tha e an-diugh a stèidheachadh anns na 250 bhliadhna mu dheireadh. B’ e Stotfield a’ chiad tuineachadh a bh’ ann agus an uair sin Seatown, baile beag iasgaich. Anns an 18mh linn chaidh Inbhir Losaidh a chur air bhonn còmhla ris a’ phort mara ùr. Anns an 19mh linn chaidh am baile Branderburgh ri chèile leis na trì bailtean eile mar coimhearsnachd Inbhir Losaidh.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Ramsaigh MacDhòmhnaill, prìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte, an seo san 12 an Dàmhair 1866.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan 2024-01-22 Am balach à Inbhir Losaidh a chaidh na Phrìomhaire Làbarach (Ramsay Dòmhnallach)
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 233 706