Loch Lìobhann
Co-chomharran: 56°32′10″N 4°35′20″W / 56.536030°N 4.588888°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Lìobhann (Beurla: Loch Lyon).[1][2] Tha e suidhichte ann an Gleann Lìomhann ann am Mòinteach Raineach, a' Ghàidhealtachd agus ann an Siorrachd Pheairt cuideachd.
A rèir suirbhidh ann an 1902 bha an loch mu 1.75 mìle (2.8 km) a dh'fhad agus bha an leud aige beagan na bu mhotha na 440 slat (402 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd bha e mu 352 slat (321 m) a leud. Bha Loch Lìomhann cho mòr ri 236 acair agus bha an àrainn drèanaidh aige beagan na bu motha na 1o mìle ceàrnagach (26 km²). B' e 45 troigh (13.7 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 100 troigh (30.48 m) aig an àite a bu doimhne.[3] Ann an 1902 bha bàrr uisge an locha mu 1050 troigh (320 meatair) os cionn na mara.
Leis a' phròiseact "Neart nan Gleann" chaidh dama a thogail aig ceann an ear an locha agus dh'fhàs an loch na bu mhotha an uair sin. Tha an dama mu 39 m a dh'àird agus mu 530 m a leud agus chaidh bàrr uisge an locha a thogail mu 21 m. Tha Loch Lìomhann na phàirt den Breadalbane Hydro-Electric Scheme . Tha stèisean-cumhachd dealan-uisgeach ann an Lubreoch. Gheibhear mu 4 megawatt, 's e sin 16 million units, a-mach às an stèisean-cumhachd seo. [4]
Thèid an loch a lìonadh le mòran aibhnichean, tha Allt a' Chùirn agus Abhainn Ghlas san iar-dheas agus tha Allt Fionn a' Ghlinne, Allt Sheasgarnaich, Allt Airidh a' Phuill is Allt Chall a' sruthach don loch a-steach bhon deas. San iar thig uisge tro Allt Cailliche agus tha Eas Eoghannan sa tuath dheth.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stòr-dàta Briathrachais
- ↑ Loch Lìobhann/Loch Lyon. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25 dhen Mhàrt 2017.
- ↑ Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 72-74, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- ↑ Neart nan Gleann. Faidhle PDF td 23, Scottish Hydro Electric (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha ann an 1902 Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
- Gazetteer for Scotland