Linne
Coltas
Is e slighe mara eadar dà chladaich a tha ann an linne
Tha an t-ainm a' nochdadh an dà chuid air taobh siar agus taobh sear na h-Albainn. Tha e an-comhnaidh a' comharrachadh roinn mara a tha so-seolaichte agus le uisgeachan so-seolaichte aig gach ceann dheth.
Tha An Abhainn Tatha, mar eisimpleir, so-seolaichte os cionn An Linne Tatha suas ri Peairt, cathair agus port, le cala freagarrach ri luingean beaga.
Tha an t-ainm a' nochdadh aig grunnan àitean ri taobh siar na h-Alba cuideachd, mar eisimpleir An Linne Latharna agus an Linne Sgitheanach.
Linnteachan na h-Alba
[deasaich | deasaich an tùs]- An Linne Ratharsaireach
- An Linne Shlèiteach
- An Linne Tatha
- An Linne Chluaidh
- Linne Shalmhaigh
- An Linne Foirthe
- An Linne Latharna
- An Linne Mhoireibh
- An Linne Fharair