Katherine Johnson
B' e matamataigear às na Stàitean Aonaichte a bha an sàs ann am prògram fànas NASA a bha ann an Katherine Johnson.
Rugadh i ann an White Sulphur Springs, baile beag faisg air Charleston, Virginia an Iar, ann an 1918. Bha i na h-oileanach aig Colaiste Stàite Virginia an Iar air sgàth 's gun do dh'imrich a pàrantan o Shiorrachd Ghreenbrier, far nach robh foghlam airson Ameireaganach Afraganach as dèidh aois 12. Dh'obair i mar thidsear agus mar bhean-taighe mus do thoisich i aig Ionad Rannsachaidh Langley mar mhatamataigear. Aig an àm sin, bha an t-ionad sgarta le goireasan eadar-dhealaichte airson daoine dubha gu ruige 1958 nuair a chaidh an t-ionad pàirt de NASA.
Bha i an sàs anns a' chiad reul-chuairt le John Glenn ann an 1962, ann an landadh air a' Ghealaich ann an 1969 agus cuideachd anns an turas Apollo 13 is dh'obair i air an spàl-fànais. Leig i a dreuchd dhi ann an 1986 is chaochail i 24 Gearran 2020.[1]
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuannaich i am Bonn Saorsa a' Chinn-suidhe ann an 2015 agus thug Oilthigh Stàite Virginia an Iar dhi urras le sgoilearachas. Riochdaich Taraji P. Henson anns an fhilm Hidden Figures (2016, 'Figearan Falaichte') i.[1] Chaidh an Katherine Johnson IV&V Facility, a tha a' dearbhadh bathair-bog airson iteil anns an fhànais, ainmicheadh oirre.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Johnson, Nigel: “Katherine Johnson obituary”, The Guardian. 24mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 25mh dhen Ghearran 2020.
- ↑ “IV&V Facility Renaming”. NASA. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2020.