Jump to content

Kappa (Creutair Miotas-eolasach)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Kappa (Iapan))
Kappa

Buinidh an Kappa河童) do na seann faoin-sgeulachdan Iapanach agus 's e seòrsa glaistiga th’ ann. Cha mhòr nach eilear ag aithris mu dheidhinn air feadh Iapain gu lèir, mar sin tha an t-ainm agus a riochd ag atharrachadh a rèir gach sgìre. Is e Kawatarò (河太郎(かわたろう) ainm eile a ghabhas air.

Tha e a’ còmhnaidh ann an aibhnichean is lochain. ‘S e is ciall dhan fhacal Kappa "leanabh na h-aibhne", agus tha an Kappa mu mheud leinibh anns a’ chuid as motha de sgeulachdan. Chan fhaodar an t-uisge a tha glèidhte ann am "bobhla" air a chinn a thraoghadh idir, oir 's e tobar beatha an Kappa th' ann. Thathar ag ràdh ma ruitheas an t-uisge seo a-mach gun caochail an Kappa. ‘S e th’ anns “a’ bhobhla” ach seòrsa lag na cheann far am bheil an t-uisge, agus tha sin air a chuairteachadh ‘s air a chòmhdachadh leis a’ ghruaig sgèiteach aige. Tha a slige air a dhruim coltach ri slige toirtis. Tha craiceann nan Kappa gorm, uaine no dearg.[1]

‘S toigh leis an Kappa a bhith ri aimhleas oir, tha iad coltach ri clann nan dòighean. Tha iad làn de mhagaidean. ‘S tric a bhios iad a’ slaodadh dhaoine agus bheathaichean sìos a-steach do na h-aibhnichean, agus tha iad dualtach a bhith a’ feuchainn gleac Sumo air daoine san dol seachad. Bidh daoine air an dàrna taobh faiceallach mun timcheall orra, ach air an taobh eile, tha dàimh eatorra cuideachd.

‘S minig a bhathar a’ measadh an Kappa mar Dis Uisge a shàbhaileadh daoine a bha ann an cunnart bàthaidh.

An Kappa a rèir sgìrean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha diofar sgeulachdan ann mun Kappa air feadh Iapain. Mar sin, tha beagan caochlaidh ann an riochd agus giùlan an Kappa a rèir gach sgìre.

Tha sgeulachdan ann far a bheil na Kappa ag obair còmhla ri daoine ann an co-chomann ris a chèile, far a bheil daoine agus Kappa a' cuideachadh càch a chèile. Mar eisimpleir, tha sgeulachd ann co-cheangailte ri Asakusa ann an Tokio, far am b' àbhaist drochaid a bhith ann (Kappa-bashi) 河童橋; agus ri drochaid eile, air a bheil ainm ceudna - Kappa-bashi - faisg air tobar teth (onsen)温泉 beag ann an Chichibu, Saitama, air am bheil (Mangan no Yu)満願の湯. Anns an sgeulachd seo, bhiodh teaghlach de Kappa, Clann Togoro (カッパ勝五郎),a' cuideachadh muinntir clachain ann a bhith ag imrich dhachaigh a gheamhradh is samhradh. [2]

An latha a th' ann

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha buaidh sgeulachdan nan Kappa a' mairsinn ann an cultar an latha an-diugh. Canar gur e cularan as fheàrr leis an Kappa mar bhiadh, agus thathas a’ tairgsinn a’ ghlasraich sin dhaibh rè fèillean diadhachd-uisge. Thathar a’ cleachdadh an fhacail “kappa” mar ro-leasachan airson biadhan aig am bheil cularan nam broinn. Mar eisimpleir, kappa-zushi(河童寿司), a tha na sheòrsa de mhaki-sushi anns am bheil pìosan de chularan.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sgeulachd air Kappa (ceangailte ri ainmean-àite)
  2. Sgeulachd air Kappa (ceangailte ri ainmean-àite)
  3. 日本語ジャーナル(Iris làitheil airson Iapanais)


Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: