Kami (dia)
Coltas
Is e kami (神) facal san Iapanais a bheirear air na diathan no spioradan a th' air an adhradh sa chreideamh siontò.[1] Is e shin a chanar riutha san t-Sìonais. Gu tric, buinidh na kamaidhean ris na siantan, ri beathaichean no ri obair a' chruthachaidh, ach dh'fhaodadh iad cuideachd buntainn ri spioradan nam marbh. Thathar a' smaoineachadh gu bheil mòran kamaidhean nam prìomh-athraichean de na fineachan, agus feadhainn aca a ghabh orra na buadhan is subhailcean aig kami, a' dol nan kami iad fhèin an dèidh am bàis. Bho thùs, cha b' e ach na cinn-chinnidh a bu mhotha 's a bu chumhachdaiche a dh'fhaodadh a dhol nan kamaidhean; tha na h-ìmpirean air feadhainn aca seo.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Sokyo Ono, William P. Woodward, Shinto - The Kami Way, Charles E. Tuttle Company, Tokyo 1992, ISBN 4-8053-0189-9