Jönköpings län
Jönköpings län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Jönköping | ||||
Stèidhichte | 1634 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10,475 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 347,837 (2015) | ||||
Dlùths | 33.21/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 03 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Jönköpings län (Suomais: Jönköpingin lääni). Tha i na laighe ri taobh Loch Vättern, ann am ceann a deas na dùthcha, gu deas air Östergötlands län agus Västra Götalands län. 'S e Jönköping a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Jönköpings län fad 10,475km² agus tha 347,837 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 12mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an siamh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 13 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Jönköping nam measg.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à jön (Gàidhlig: An t-Ògmhios) agus köping (margaidh) ann an Suainis a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e Bengt Erlandsson Kafle a' chiad riaghladair nan roinne.[3] Riochdaicheadh Olof Palme - a bha na phrìomhair dà thuras mus an do mharbh fear-brathaidh ann an 1986 - na sgìre sa Riksdag (Pàrlamaid na Suaine) eadar 1958 agus 1968.[4]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- John Bauer (1882 - 1918) Neach-ealaine.
- Agnetha Fältskog (1950) Seinneadair agus ceòladair.[5]